le Cathy NicDhòmhnaill.
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Dè na seirbheisean as motha a tha a dhìth air na h-eileanan a-staigh mar Muile, Tiriodh agus Colla. Tha triùir a tha fuireach air diofar eileanan ann an còmhradh ri Cathy mun a sin.
Tha 60 bliadhna ga chomharrachadh bhon a-nochd Star Trek air an telebhisein. Tha triùir Trekkies ag innse mu dè tha ga fhàgail cho tarraingeach dhaibh.
Tha Patsi NicChoinnich a' toirt sùil air eachdraidh beatha Gloria Steinem, a chaochail bho chionn ghoirid. Bha i ainmeil mar neach-naidheachd agus tè a bha strì gu mòr son còirichean bhoireannach.
'S tha Ross Christie ag innse mu làithean-saora nach tèid às a chuimhne.... agus 's dòcha gur ann son adhbharan nach bu mhiann!
Last on
Broadcasts
- Last Tuesday 09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Last Tuesday 22:55BBC Radio nan Gàidheal