Main content

Leabhar ùr Newes of Witches

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.

Thàinig leabhar ùr a-mach bho Mhàiri Kidd an t-seachdain a chaidh, 'Newes of Witches', nobhail eachdraidheil stèidhichte aig àm triail bana-bhuidsich na h-Alba. Cluinnidh sinn bho Mhàiri mun an leabhar ùr agus innsidh i dhuinn cuideachd mu ‘The Witching Hour’, tachartas aig Fèis Leabhraichean Dhùn Èideann anns a bheil i an sàs còmhla ri dà sgrìobhadair eile, Marion Gibson agus Steven Veerapen, aig a bheil ùidh shònraichte ann am bana-bhuidsichean.

Tha 200 bliadhna, air a mhìos seo, bho chaidh rathad Bhealach na Bà fhosgladh. Cluinnidh sinn bho an t-eòlaiche innleadaireachd, Murchadh Moireach mun rathad a bha na frith-rathad aig na dròbhairean agus a tha an-diugh a’ tarraing luchd-turais a tha airson slighe NC500 a ghabhail.

'S e neach-deasachaidh ùr The Record, iris mhìosail oifigeil Eaglais Shaor na h-Alba, Aonghas MacAoidh, a bhios air aoigheachd aig Cathy an-diugh .

28 days left to listen

57 minutes

Broadcasts

  • Wednesday 09:00
  • Wednesday 22:55