Càise Cancoillotte agus misean ùr Artemis III
Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà le Niall Iain. News, chat, sport, music and entertainment with Niall Iain.
Tha a' chàise sònraichte, Cancoillotte, bho taobh an ear na Frainge, air aire mòran a ghlacadh air na meadhanan-sòisealta leis gu bheil e ìosal ann an geir agus àrd ann am pròtain. Tha Coinneach Moireasdan gu math dèidheil agus eòlach air càisean bho air feadh an t-saoghail, agus tha e ag innse do Niall Iain mar a thathas a' dèanamh Cancoillotte, agus cho cudromach sa tha e gu bheil càisean dhen t-seòrsa seo fhathast rim faighinn.
Chaidh an sgioba a thèid air misean Artemis III ainmeachadh le NASA. Coltach ri Artemis II, cha tèid Artemis III chun na gealaich, ach bi i a' dèanamh deuchainnean ann an reul-chuairt na cruinne-cè. Tha an tuilleadh mu'n mhisean agus a' chriutha aig Iain MacIlleathain.
Agus tha Mìcheal Hill, a tha na choidse guth, a' mìneachadh na diofar dhòighean a th'ann airson taic a thoirt do sheinneadairean a tha a' seinn beò.
On radio
More episodes
Previous
Next
Broadcast
- Today 12:00BBC Radio nan Gàidheal