Mì-riochdachadh nan Gàidheal is na Gàidhlig
Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn aig co-labhairt Urras Leabhraichean nan Eilean mu mhì-riochdachadh nan Gàidheal. A conference on the misrepresentation of Gaelic culture and history.
Cha bheag na riochdan meallta a th' air a bhith air an cruthachadh dha na Gàidheil, agus dhan a' Ghàidhealtachd. Disathairne sa chaidh, thug co-labhairt le Urras Leabhraichean nan Eilean àrd-ùrlar do chòmhradh air a' chuspair sin.
Eadar turasachd, litreachas romansach, deasbadan cinnidh, agus Beurlachadh de dh' ainmean àite - a bheil na droch riochdan a tha sin ann an eachdraidh agus sa latha a th' ann a' toirt buaidh dha-rìribh air fèin-aithne is cor nan Gàidheal?
Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' cur na ceist sin agus iomadach ceist eile air feadhainn a bhruidhinn ann: Boyd Robasdan, Coinneach MacIlleathain, Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, Abigail Burnyeat, Cailean MacIlleathain, Anna Mhàrtainn, agus Ùisdean Cheape.
Last on
Broadcasts
- Wednesday 09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wednesday 22:50BBC Radio nan Gàidheal