Beul Feirste an-diugh, Fèis nam Meadhanan Ceilteach agus 's i Anne Kindness Cèiliche na Seachdain
'S i Anne Kindness, Iar-chathraiche Comataidh Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna sa a th' air aoigheachd aig Cathy. Today's special guest is Anne Kindness.
Tha Fèis nam Meadhanan Ceilteach, a bhios a' comharrachadh tàlant is sàr-mhathais ann an craoladh agus film sna dùthchannan Ceilteach, a’ gabhail àite ann am Beul Feirste an t-seachdain-sa. Cluinnidh sinn bho dhithis a tha air a bhith an sàs anns an fhèis, Catriona Mhoireach agus Caomhain Walker.
Gheibh sinn dealbh air Beul Feirste an latha an-diugh bho Mhaolcholaim Scott, a bhuineas don baile, agus Ciaran Dunbar a tha na fhear-naidheachd aig a' Bhelfast Telegraph.
Agus 's i Iar-chathraiche Comataidh Mòd na bliadhna sa a th' air aoigheachd aig Cathy. Buinidh Anne Kindness do Bhreanais ann an Uig, Leòdhas, ach tha a dachaigh an-diugh ann an Glaschu far an robh i ag obair aig roinn coimpiutaireachd agus teicneòlais aig Banca Dhail Chluaidh gus an do leig i dhi a dreuchd.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Yesterday 09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Yesterday 22:55BBC Radio nan Gàidheal