Tomato and Broccoli Pizza
Tha Linda NicLeòid agus a caraidean a’ dèanamh pizza le tomàto agus brocail. Linda Macleod and her friends make tomato and broccoli pizza.
An-diugh tha Fionnlagh agus Scott còmhla rithe ‘s iad a’ dèanamh pizzathan le tomàtothan agus brocail. Ach mus tòisich iad, feumaidh iad a bhith cinnteach gu bheil an stuth a tha a dhìth orra a-staigh. Mur a bheil, bidh iad a’ dèanamh liosta agus a’ dol dhan bhùth airson a h-uile càil fhaighinn. Bidh Linda agus a caraidean cuideachd a’ faighinn a-mach mu mar a thathar a’ fàs thomàtothan. Tha iad an uairsin a’ tilleadh dhan chidsin airson na pizzathan ullachadh mus suidh iad sìos aig a’ bhòrd gan ithe.
Linda Macleod is joined by Finlay and Scott to make tomato and broccoli pizza. But before they start cooking, they have to ensure they have all the ingredients. If not, they make a list and go shopping. They also learn more about how tomatoes are grown, then return to the kitchen to make the pizzas before sitting down to tuck in.
On TV
Tuilleadh phrògraman
Roimhe
Air adhart
Prògram as ùire
-
A' fàs thomàtothan
Fad: 00:57
Pizza le tomàto agus brocail
Pizza le tomàto agus brocail
STUTHAN
2 bhonn pizza
6 spàin mhòr passata
400g tomàtothan slisnichte
75g brocail slisnichte
150 càise mozzarella
2 spàin mhòr pesto
Làn do dhòrn de dhuilleagan basail
Ro-theasaich an àmhainn gu 180C/350F/Gas 4.
Cuir gach bonn pizza air treidhe àmhainn agus sgap leth den phassata air gach fear.
Cuir na tomàtothan air muin seo agus an uair sin am brocail. Spìon an càise mozzarella na phìosan beaga agus sgap air uachdar na pizzathan. Cuir spàin mhòr de phesto air gach fear.
Cuir na pizzathan dhan àmhainn airson 15-20 mionaidean gus am bi am mullach aca a’ bolgadh agus a’ tòiseachadh ri fàs donn.
Sgaoil na duilleagan basail air uachdar nam pizzathan mas ithear iad.
Tomato and broccoli pizza
INGREDIENTS
2 plain pizza bases
6 tbsp passata
400g tomatoes, sliced
75g sprouting broccoli, stems finely sliced
150g mozzarella
2 tbsp fresh pesto
Handful fresh basil leaves, to serve
METHOD
Heat the oven to 180C/160C fan/Gas 4.
Put each pizza base on a baking sheet and spread each with half of the passata.
Arrange the tomatoes on the top in rings or wedges of colour and add the broccoli.
Tear up the mozzarella into chunks before dotting them over the pizzas, then drizzle 1 tbsp pesto over each.
Bake for 15-20 mins until the top is bubbling and just starting to brown a little. Scatter over the basil leaves before serving.
| Role | Contributor |
|---|---|
| Presenter | Linda MacLeod |
| Producer | Donald Macleod |
| Production Manager | Mairi Mackinnon |
- DiL 18 Gearr 2019 17:40
- DiC 20 Gearr 2019 17:15
- Dih 22 Gearr 2019 17:35
- DiD 24 Gearr 2019 16:45
- DiC 3 Ògmh 2020 17:00
- DiS 6 Ògmh 2020 16:15
- DiD 7 Ògmh 2020 16:00
- DiC 26 Lùna 2020 17:00
- DiS 29 Lùna 2020 16:20
- DiD 30 Lùna 2020 16:00
- DiL 11 Gibl 2022 17:25
- DiC 13 Gibl 2022 17:35
- DiC 18 Faoi 2023 17:25
- DiC 6 Sult 2023 17:25
- DiM 12 Sult 2023 17:10
- DiC 29 Samh 2023 17:30
- DiD 3 Dùbh 2023 16:00
- DiM 5 Dùbh 2023 17:10
- DiC 24 Iuch 2024 17:00
- DiC 16 Dàmh 2024 17:00
- DiS 19 Dàmh 2024 16:20
- DiLuain 17:35
- DiMàirt 17:05
- An-diugh 16:00
Featured in...
Ionnsaich le BBC ALBA
Cruinneachadh de phrògraman foghlaim.
CBeebies ALBA
Prògraman CBeebies air BBC ALBA