Notaichean Tidseir
Tha an làrach seo ag amas air eòlas, tuigse agus briathrachas Saidheans a bhrosnachadh do chlann òga, ag obair a dh' ionnsaigh a' chiad is an dara h-ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais. Dh'fhaodadh gum biodh cothroman stuth na làraich a cheangal ri cuspairean eile sa Churraicealam cuideachd.
Tro chuspair Safaraidh Saidheans, tha diofar àitichean tadhail ann:
- • Cùl na bhana
- • Gèam Misean Bhiadhain
- • Gèam Abair Biastag
- • Gèam Tòg fhèin e!
Gheibhear gu cùl na bhana le bhith bruthadh air a' bhana fhèin no tron ìomhaigh aig mullach na sgrìon. Gheibhear gu gach gèam tron mhapa safaraidh no le bhith a' dràibheadh na bhana timcheall. Bheir dràibheadh an cothrom barrachd chairtean a chruinneachadh air an t-slìghe.
'S ann tro bhidiothan, cairtean fiosrachaidh agus geamaichean a gheibhear an cothrom:
- • Barrachd eòlais a chur air briathrachas Saidheans
- • Sgilean a leasachadh gus cànan Saidheans as mionaidaiche a chleachdadh
- • Ionnsachadh mu diofar chuspairean Saidheans
- • Sgilean sgrùdaidh a chleachdadh
- • Sgilean fuasgladh-cheist a chleachdadh
- • A bhith ceasnachail gus barrachd tuigse fhaighinn air an àrainneachd, rudan beò agus diofar stuthan
- • Brosnachadh fhaighinn son obair phractaigeach
- • Deagh eisimpleirean Saidheans fhaicinn
- • Bhidiothan a sheòrsachadh
Bidh cuid den bhriathrachas Sàidheans ann an Gàidhlig 's docha ùr don chloinn. Bheir seo cothroman beagan obair a dhèanamh air cuspairean eile sa Churraicealam airson an dàingneachadh, ma tha sin iomchaidh.
Mapa Safaraidh SaidheansTha mapa safaraidh den sgìre a' toirt thar-sealladh air na geamaichean air fad. Faodar àite a thaghadh air a' mhapa san tadhal thu is bheir a' bhana ann thu no faodar am mapa a dhùnadh is a' bhan a dhràibheadh timcheall. Bheir seo gu gach gèam thu, le cothrom cairtean a chruinneachadh air an t-slìghe. Tha an cothrom ann càirtean a thogail gach turas a thathar a' cluich gèam. Tha 90 cairt ann gu lèir.
Cùl na bhanaIs ann bho cùl na bhana a gheibhear stiùireadh air na cairtean. Gheibhear 5 chairtean aig an toiseach. Tha bhidio/dealbhan is teacsa an lùib gach cairt. Bidh cothrom nan cairtean Saidheans a rèiteachadh no a shuapadh. 'S iad na cairtean air fad a chruinneachadh prìomh amas gach cluicheadair. Tha gach cairt a' buintinn ri aon de na buidhnean a leanas:
- Rudan beò: maorach & sligich, lusan & fungi, mamalan, frìdean & eòin
- Forsaichean: lùth-suathaidh, put & slaod, gluasad & cùrsa, aghaidheachd, èadhar & uisge
- Stuthan: feartan, teasachadh & fuarachadh, ag atharrachadh stuthan.
Tha an cothrom ann obair a shàbhaladh ach dh' fheumar an aon choimpiutair a chleachdadh gach turas gus seo a dhèanamh. Tha fiosrachadh mionaideach mu gach càirt aig deireadh nan nòtaichean le dath dorcha air facail 's dòcha a dh' fheumar mìneachadh don chloinn. Anns a' chlàr gu h-ìosal, gheibhear cothroman ionnsachaidh. Dh'fhaodadh barrachd dhiubh seo a bhith ann a rèir 's mar a chleachdar an stuth.
Cha choilean an goireas seo buil leis fhèin ach dh'fhaodadh e a bhith na thaic le beagan a bharrachd obair leasachaidh.
| A' chiad Ìre | An dara h-Ìre |
| I can distinguish between living and non living things. I can sort living things into groups and explain my decisions SCN 1-01a | I can identify and classify examples of living things, past and present, to help me appreciate their diversity. I can relate physical and behavioural characteristics to their survival or extinction SCN 2-01a |
| I am aware of different types of energy around me and can show their importance to everyday life and my survival SCN 1-04a | By considering examples where energy is conserved, I can identify the energy source, how it is transferred and ways of reducing wasted energy SCN 2-04a |
| By investigating how water can change from one form to another, I can relate my findings to everyday experiences SCN 1-05a | I can apply my knowledge of how water changes state to help me understand the processes involved in the water cycle in nature over time SCN 2-05a |
| By investigating forces on toys and other objects, I can predict the effect on the shape or motion of objects SCN 1-07a | By investigating how friction, including air resistance, affects motion, I can suggest ways to improve efficiency in moving objects SCN 2-07a |
| I can make and test predictions about solids dissolving in water and can relate my findings to the world around me SCN 1-16a | I have participated in practical activities to separate simple mixtures of substances and can relate my findings to my everyday experience SCN 2-16a |
| By investigating common conditions that increase the amount of sunstance that will dissolve or the speed of dissolving, I can relate my findings to the world around me SCN 2-16b | |
| I have collaborated in activities which safely demonstrate simple chemical reactions using everyday chemicals. I can show an appreciation of a chemical reaction as being a change in which different materials are made SCN 2-19a |
Na Geamannan
Misean Bhiadhain'S e gèam clàir èibhinn a tha ann am Misean Bhiadhain a chòrdas ri cluicheadairean còmhla ri bhith na ghnìomh airson fuasgladh cheistean. Faodar an gèam a bhriseadh sìos gu ìrean comais agus tòimhseachain fa leth a sheallas bun-bheachdan sònraichte agus feartan stuthan.
Tha aig cluicheadair ri Bhiadhan a chuideachadh ag atharrachadh gu diofar stuthan, a' seachnadh chunnartan agus cnapan-starraidh airson tilleadh chun nan dèideagan eile. Dh' fhaodar an gèam a chluich no dh'fhaodar tòimhseachan a thaghadh agus bheir seo neach-cluiche gu ceistean a-mhàin. Dh' fhaodar barrachd rannsachadh a dhèanamh mu gach stuth tron Bheing Stuthan.
Nan stuthan: fiodh glainne, pàipear, uisge, seoclaid, clach, foidhl, cotan, spong, trid-shoilleir.
A' tomhais an seòrsa stuth tha dhìth: neart, cruas, lasantachd, sùbailteachd, sùghadh.
Tha an gèam seo gu h-àraidh ag amas air a' bhuil: Through exploring properties and sources of materials, I can choose appropriate materials to solve practical challenges SCN 1-15a
Abair BiastagTha a' ghnìomh seo a' toirt eòlas air bun-bheachd iuchraichean; agus cur chreutairean ann am buidhnean agus seòrsachan a rèir an comharran faicsinneach. Feumaidh an cluicheadair ceithir biastagan a lorg ann an coille-uisge, agus an toirt tro iuchair airson an aithneachadh. Tha bhidio ghoirid ri fhaicinn aig deireadh gach earrann iuchraichean. An uair sin tha na biastagan air an seòrsachadh a rèir àireamh chasan gu frìdean, arachnaidean agus maidhrapodan.
Anns a' ghnìomh seo feumaidh an cluicheadair biastagan annasach aithneachadh. Mar seo chì an cluicheadair ciamar a tha iuchraichean feumail airson rud air nach eil iad eòlach. Anns an roghainn gnìomh gu lèir seo tha an cluicheadair a' faighinn aon seata bhiastagan, agus tha iad ag obrachadh tro na trì earrainnean den ghnìomh a' lorg, ag aithneachadh agus a' seòrsachadh nam biastagan:
- Tarantula - tarantula
- Cataididea - Katydid
- Corra-chòsag nan casan - dearga-red-legged millipede
- Daolag adharcach - stag beetle
- Sgairp ìmpireil - imperial scorpion
- Dealan-dè Ulysses - Ulysses butterfly
- Seangan airm - army ant
- Damhan-allaidh an lìn chruinn - web spider
- Tarbh-nathrach gorm mòr - giant damsel fly
- Corra-chòsach mòr - giant millipede
- Damhan-allaidh Seilg - hunting spider
- Dealan-dè Heliconia - helonica butterfly
- Ceud-chasach a' chinn dheirg - red headed centipede
- Ceàrdabhan buachair - dung beetle
Tha an cluicheadair a' toirt gach biastag tro iuchair gus ainm a lorg. Nuair a dh'ainmicheas an cluicheadair gach biastag, chithear bhidio agus fiosrachadh inntinneach mun bhiastaig sin.
Le barrachd obair leasachaidh, tha an gèam seo gu sònraichte ag amas air na builean:
I can distinguish between living and non living things. I can sort living things into groups and explain my decisions SCN 1-01a
I can identify and classify examples of living things, past and present, to help me appreciate their diversity. I can relate physical and behavioural characteristics to their survival or extinction SCN 2-01
Tog Fhèin E!'S e gèam far am faod an cluicheadair tòimhseachain fhuasgladh no cruthachadh a th' ann an "Tog Fhèin E!", agus eadhon an geamannan fhèin a dhealbh stèidhichte air fòrsaichean putaidh is tarraing, lùth-shuathaidh, sgeing agus bualadh ann an rudan. Faodaidh cluicheadairean an riaghailtean is amasan fhèin a shuidheachadh, agus an gèam aca a shàbhaladh gu àm eile fhad 's a thathar a' cleachdadh an aon choimpiutair.
Tha trì cuspairean an lùib a' gheama seo: spòrs, fon uisge agus fàsach.
Le barrachd obair leasachaidh, tha an gèam seo gu sònraichte ag amas air na bhuilean:
By investigating forces on toys and other objects, I can predict the effect on the shape or motion of objects SCN 1-07a
By investigating how friction, including air resistence, affects motion, I can suggest ways to improve efficiency in moving objects SCN 2-07a
Briathrachas
| Gàidhlig | Beurla |
| aghaidheachd èadhair | air resistence |
| aghaidheachd uisge | water resistance |
| ainnirean | nymphs |
| air sìoladh | drained |
| algaich | algae |
| alman | aluminium |
| as luaithe | fastest |
| bachar | acorn |
| bàirnich | barnacles |
| balganan-buarach | mushrooms |
| bàtaichean-aigeil | submarines |
| blàthachadh na cruinne | global warming |
| biorain | twigs |
| bògasan | bugs |
| boinneag | drop |
| boltrach | scent |
| breug-riochd | camouflage |
| brisg | brittle |
| a' bruthadh | pushing |
| bun-grìtheidean | raw ingredients |
| bunan-craoibhe | tree-trunks |
| burrais | caterpillars |
| bruic | badgers |
| cabair | antlers |
| carbon dà-ocsaid | carbon dioxide |
| cairbhean | sailfish |
| ceimic | chemical |
| cìochag-thràghad | sea anemone |
| co-ionann | equal |
| còinneach | moss |
| còmhnard | flat/streamlined |
| cop | foam |
| corrain itealaich | boomerangs |
| creach | prey |
| cùbhrachd | perfume |
| cudrom-siùdain | pendulum |
| cumhachd dealain | electrical power |
| daimh-fèidh | stags |
| damhain-nathrach | dragonflies |
| dearcagan | berries |
| deigh thàthte | solid ice |
| deuchainn chothromach | fair test |
| a' deoghal | sucking |
| deòthlag | woodbine |
| a dh'ionnsaigh | towards |
| diosg snìomhach | spinning disc |
| dobhair-choin | beavers |
| duilleag-bhàthte | pondweed |
| duilleagan dealgach | needle leaves |
| duilleagan lobhte | rotting leaves |
| fanain | slides |
| faochagan | winkles |
| feartan | properties |
| feòcallain | polecats |
| fìon-geur | vinegar |
| Fionnanan-feòir Breatannach | British grasshoppers |
| fionnar | cool |
| fleòdradh | float |
| freumhan | roots |
| frìdean | insects |
| frìdean-maide | stick-insects |
| fungas | fungus |
| garbh | rough |
| gas neo-fhaicsinneach | invisible gas |
| ginidh | reproduce |
| gibearnaich | squid |
| gleac-gàirdein | arm-wrestling |
| greimich | grip |
| greimichean | tentacles |
| guib | beaks |
| a' guineadh | stinging |
| hilium | helium |
| iarann | iron |
| innealan stiùiridh shoithichean | instruments for ships |
| innleachd | device |
| ìomhaigh fo-dheargte | infrared image |
| ion-obrachadh | reaction |
| ionad ròcais | rookery |
| ìsleachadh | lower |
| làbha | lava |
| lannan | blades |
| làthach | slime |
| a' leaghadh | melting/dissolving |
| leòmainn | moths |
| leumadair | vaulter/dolphin |
| leumadair-pòla | pole-vaulter |
| leusair | laser |
| a' lìomhadh | polishing |
| lionn | liquid |
| lionn glaodhach | gooey liquid |
| lionn ruitheach | runny liquid |
| loban | bobsleigh |
| luasgadh | swinging |
| lùbaidh | bends |
| luchd-togail | manufacturers |
| lus-na-meala | honeysuckle |
| lusan | plants |
| lùth-shuathaidh | friction |
| maorach | molluscs |
| meanbh-bhiastagan | mini-beasts |
| meas | assess/test |
| meidh-chothruim | scales |
| meudachadh | increase |
| mialan-coille | woodlice |
| molltairean | moulds |
| mòr ghath | javelin |
| muilnean-gaoithe | wind farms |
| neachtar | nectar |
| obair-lann | laboratory |
| ochd-bhallach | octopuses |
| ocsaidein | oxygen |
| ola glasraich | vegetable oil |
| a' phailm dhùbailte | double palm tree |
| pàipear-gainneimh | sandpaper |
| poilean | pollen |
| pronnasg | sulphur |
| puilmeanan | bubbles |
| raon-rèis | racecourse |
| rèidhe | smooth |
| a' reothadh | freezing |
| reòthte | frozen |
| ròcaisean | rooks |
| ròn glas | grey seals |
| ruagairean | slugs |
| ruitheach | runny |
| sàth | thrust |
| searbhagan | acids |
| seasmhach | stable |
| seit-einnsean | jet engine |
| seilcheagan | snails |
| seilleanan | bees |
| sìl | seeds |
| a' sgaoileadh | stretched |
| sgeing | bounce |
| a' sìomaich | zig-zags |
| a' siùdadh | swing |
| sleagh | spear |
| socrachadh | balancing |
| smùid | steam |
| snàigeadh aghaidh | front-crawl |
| snaganan-daraich | woodpeckers |
| snìomh | spin |
| snoileòin | blue tits |
| sparrairean gaoithe | wind-turbines |
| starragan | crows |
| sùbailte | flexible |
| taois | dough |
| tàthte | solid |
| teòthachd | temperature |
| nas teotha | hotter |
| toraidhean | findings |
| nas truime | heavier |
| tùsanaich Astràilia | Aboriginal people of Australia |
| ùir | soil |
| uisge-dhìonach | waterproof |
| uthain | foam |
Fiosrachadh Cairtean Saidheans 1-15
Anns a' chlàr chithear cuspair agus fiosrachadh gach cairt. Tha eadar-theangachadh cuid de na facail a leanas agus facail feumail eile rim faighinn air an duilleag Briathrachas Saidheans.
| CAIRT | FIOSRACHADH |
|
Ma theasaicheas tu siùcar is ìm, thèid iad nan lionn. Nuair a leigeas tu le na grìtheadain fuarachadh thèid iad nan tofaidh cruaidh. Tha seoclaid annasach, leaghaidh e aig 30 puing celcius. Tha seo a' ciallachadh gun leagh e nad bheul. |
|
Cuir làn spàin-teatha de shalann mun cuairt ann an leth glainne de dh'uisge. Chì thu gun leagh an salann. Cùm ort a' cur salann ann agus ga chur mun cuairt. Mu dheireadh, cha leagh an còrr den t-salann. Co mheud spàin salainn a leaghas ann an leth glainne de dh'uisge? Faigh glainne eile, leis an aon uimhir de dh'uisge, agus feuch an t-aon deuchainn le siùcar. An e siùcar no salann as motha a leaghas ann an uisge? Na òl an t-uisge. Faodaidh uisge le salann do dhèanamh glè thinn. |
|
Iarr air inbheach do chuideachadh leis an fhear seo. Goil beagan uisge ann an sgeileid. Cuir seoclaid ann am bobhla glainne, agus cuir am bobhla glainne dhan sgeileid, gus am blàthaich an t-uisge am bobhla. Cuir an t-seoclaid mun cuairt gus an leagh e gu lionn mìn, bog. Gu faiceallach, dòirt an t-seoclaid leaghte ann am molltair, agus cuir am molltair san fhionnaradair. An ceann uair a thìde, bu chòir don seoclaid a bhith tàthte a-rithist. |
|
Cuir beagan ola agus beagan uisge ann am botal. Am faigh thu air am measgachadh? Faic dè thachras ma chuireas tu boinneag de stuth-nighe shoithichean na mheasg. |
|
Nuair a theasaicheas tu meatailt tionndaidhidh e na lionn ruitheach. Mar sin gheibh thu air a dhòrtadh ann am molltairean de chumaidhean eadar-dhealaichte. Nuair a dh' fhàsas e fionnar is tàthte a-rithist bidh cumadh eadar-dhealaichte air. Bhathas a' cleachdadh an dòigh seo airson gàinnean is claidheamhan a dhèanamh. An-diugh thathas ga chleachdadh airson pàirtean einnsein is camain goilf. |
|
Tha acrobatan fìor mhath air socrachadh. Bidh iad a' cleachdadh forsaichean airson an cuideachadh le seo. Nuair a tha dà acrobat a' socrachadh còmhla tha iad le chèile a' bruthadh no a' slaodadh. Airson fuireach socraichte feumaidh na forsaichean a bhith co-ionnan. Ach airson gluasad, feumaidh aon fhorsa a bhith nas motha. |
|
'S e nàdar de lùth-shuathaidh a th' ann an aghaidheachd èadhair. Bidh e a' slaodachadh rudan a bhios a' gluasad tron èadhar. Nuair a tha thu a' togail rudan a dh'fheumas siubhal luath, leithid chàraichean no phlèanaichean bidh thu airson aghaidheachd èadhair a lùghdachadh. 'S e còmhnardachadh a chanar ri seo. Faodaidh tu meas dè cho còmhnard is a tha rud ann an tunail gaoithe. Tha seo glè fheumail nuair nach eil e sàbhailt rud a mheas taobh a-muigh obair-lann no bùth-obrach. |
|
'S e lusan beaga bìodach a tha a' fuireach san uisge a th' ann an algaich. Leis an t-solas is an teòthachd cheart, fàsaidh is ginidh iad. Uaireannan tha uimhir de na lusan beaga sin ann is gun atharraich dath an uisge. Chleachd daoine a bhith a' smaoineachadh gun robh uisge ann an lochan is lòin ag atharrachadh dath tro dhraoidheachd, ach 's e algaich bheaga bhìodach as coireach. |
|
Tha baidhsagal air a dhèanamh à tòrr sheòrsachan stuthan. Feumaidh tu frèam gus am bi e làidir airson tac a thoirt dhut ach aotrom gu leòr airson do shlaodachadh. Bu chòir taidhrichean a bhith teann is sùbailte airson gluasad gu socair thairis air clachan biorach. An urrainn dhut baidhsagal a dhealbhadh? Dè na stuthan a chleachdadh tu? |
|
Cuir gaoth ann am bailiùn agus leig às e. A bheil am bailiùn ag èirigh suas no nach eil? A bheil seo a' ciallachadh gu bheil carbon dà-ocsaid nas aotruime no nas truime na èadhar? |
|
Bidh bàirnich is faochagan a' greimeachadh ri na creagan le bhith sileadh seòrsa de shaimeant. Tha seo a' ciallachadh gun seas iad ri na stuaghan as cumhachdaiche. Gheibh bàirnich air an cur fhèin an sàs ann an soithichean. Faodaidh seo maill cho mòr a chur air soitheach is gur dòcha gum feum i suas ri trìthead às a' cheud connaidh a bharrachd. |
|
Tha uthan sònraichte ga phumpadh a-steach tro bhallachan do thaighe. Tha an t-uthan ag obrachadh mar phlaide; tha e a' cumail an teas a-staigh is gad chumail fhèin is do thaigh blàth sa gheamhradh. |
|
Tha bàtaichean-aigeil air an cumadh gu sònraichte airson siubhal gu furasta tro uisge. Tha pàirt falamh annta a bhios a' lìonadh le uisge. Tha seo gan dèanamh nas truime gus an tèid iad fodha. Nuair bhios iad airson fleòdradh leigidh iad a-mach an t-uisge is èiridh iad chun uachdair. |
|
Fàisg beagan sùgh lìomaid air buinn sgillinn no dà sgillinn shalach. Glanaidh an searbhag na buinn. 'S e fìon-geur agus còla searbhagan eile a dh'fhaodadh a bhith agaibh san dachaigh. Ciamar a gheibheadh tu a-mach dè am fear as searbhagaiche? Ciamar a dhèanadh tu e na dheuchainn chothromach? |
|
Nì lusan am biadh fèin bho shoals-grèine, uisge agus èadhar. Bidh beathaichean ag ithe luasan, no ithidh iad beathaichean eile a tha air lusan ithe. Mura biodh lusan ann cha bhiodh beathaichean no daoine ann. Feuch fhèin e: Dèan dealbh de na beathaichean a chì thu a-muigh. Dèan dealbh de na bhios gach beathach ag ithe. An e lusan no beathaichean eile a bhios e ag ithe? |
Anns a' chlàr chithear cuspair agus geàrr-chunntas de fhiosrachadh nan càirtean dèanaidh. Dh'fheumar moladh dhan chloinn a bhith mothchail mu shàbhailteachd gach obair phractaigich agus a bhith cinnteach gu bheil inbheach còmhla riutha.
Fiosrachadh Cairtean Saidheans 16-30
Anns a' chlàr chithear cuspair agus fiosrachadh gach cairt. Tha eadar-theangachadh cuid de na facail a leanas agus facail feumail eile rim faighinn air an duilleag Briathrachas Saidheans.
| CAIRT | FIOSRACHADH |
|
Ruigidh bòrdaichean-sneachda astair còrr is dà cheud cilemeatair san uair. Tha sneachd sleamhainn is tha e a' lùghdachadh an lùth-shuathaidh eadar an talamh is am bòrd. Mar sin siubhlaidh bòrdaichean-sneachda luath dha-rìribh. |
|
Bidh bruic ag ith freumhan, dearcagan, sìl, seilcheagan, boiteagan, ruagairean, losgainn, radain agus luchan. Mmm. Bidh iad a' fuireach ann am buidhnean teaghlaich. 'S e tuill a chanar ri na dachaighean aca. Bidh bruic a' cladhach rumannan fo-thalamh, co-cheangailte le tunailean. Bidh iad a' stòradh an cuid bidhe ann an rùm mòr nan toll. |
|
'S e duilleagan as motha a bhios burrais ag ith. Feumaidh iad tòrr ithe gus am bi de lùth annta a thèid nan leòmainn is nan dealain-dè. Mar a tha iad a' fàs tha an craiceann a' fàs ro bheag dhaibh is bidh iad ga thilgeil. Dìreach mar a dh' fhàsas d' aodach ro bheag dhut fhèin. Faodaidh beatha burrais a bhith na ghnothach cunnartach. Tha breug-riochd air leth cudromach oir is toigh le tòrr eòin an ithe. |
|
Tha CDan gan dèanamh à plastaig is tha filleadh meatailt annta ris an canar alman. Bithear a' cleachdadh alman cuideachd airson sgeileadan a dhèanamh. Bidh leusair a' cur slaicean beaga air uachdar an CD. Tha pàtran nan slaic a' dèanamh còd airson fiosrachadh a stòradh. Tha mu thrì billean (3,000,000,000,000) slaic air. |
|
Iarr air inbheach do chuideachadh leis an fhear seo. Measgaich dà ugh air am bualadh, dà cheud agus caogad gram flùir le fùdar-fuine, ceud, fichead 's a còig gramime, ceud, fichead 's a còig gram siùcair donn mìn agus trì bananathan mòra, air am pronnadh. Dòirt an taois ann an tiona mhòr airson aran no cèic. Bruich an taois ann an àmhainn aig ceud agus ochdad puing Celsius airson uair a thìde. Thoir a-mach e, leig leis fuarachadh, agus gabh do leòr. |
|
Tha cìochag-thràghad coltach ri flùraichean ach 's e beathaichean a th' annta. Bidh iad a' gluasad cho slaodach is gu bheil e doirbh dèanamh a-mach an do ghluais iad idir. Bidh na greimichean dathte aca a' glacadh, a' guineadh is a' marbhadh an creiche. Bidh cìochag-thràghad ag ithe is a' salach tron aon tholl. |
|
Tha tùsanaich Astràilia air a bhith a' cleachdadh chorrain itealaich airson 10, 000 bliadhna. Nuair a thèid corran-itealaich a thilgeadh ceart, snìomhaidh e san èadhar. Tha cumadh nan corran-itealaich a' toirt orra itealaich ann an cearcall gus an till iad thugad. Ach feumaidh tu fàs cleachdte ris. |
|
Co mheud clach de dhiofar dath a chruinnicheas tu? An lorg thu clachan srianach? Dè tha thu a' smaoineachadh a tha seo a' ciallachadh? |
|
'S e gèam traidiseanta Albannach air a chluich air deigh a th' ann an crolaidh. Bidh aon chluicheadair a' bruthadh clach throm a dh'ionnsaigh targaid air an deigh. Bidh na cluicheadairean eile an uair sin a' lìomhadh na deighe air beulaibh na cloiche airson an làr a dhèanamh nas sleamhainne. Le bhith a' stèidheachadh sleamhna na deighe, gheibh iad air a' chloich a stiùireadh dìreach gu far a bheil iad ga h-iarraidh. |
|
Dèan cudrom-siùdain le sreang agus crèadh-deilbhidh. Cleachd teip steigeach airson an t-sreang a chur air cliathaich bùird, agus thoir air luasgadh bho thaobh gu taobh. Tomhais an ùine a bheir e mus stad e. An lorg thu dòigh air toirt air luasgadh airson barrachd ùine? An lorg thu dòigh air toirt air gluasad nas luaithe? |
|
Greimichidh cuibhlichean rubair gu math air uachdar garbh rathaid air sgàth neart ris an canar lùth-shuathaidh. Ach ma nithear uachdar an rathaid nas rèidhe is nas deàlraiche chan eil uimhir de lùth-shuathaidh ann. Tha seo a' ciallachadh nach greimich na cuibhlichean cho math. |
|
Faodar lusan a chur ann am buidhnean a rèir cumadh na duilleige aca. Tha duilleagan leathann mòr agus còmhnard. Tha duilleagan cumhang fada agus tana. Tha duilleagan dealgach a' tighinn gu gob biorach. Feuch fhèin e: Cruinnich duilleagan a tha air tuiteam anns a' ghàrradh, no anns a' phàirc, agus dèan dealbh leotha. |
|
Bidh daimh-fèidh a' brùthadh a chèile le na cabair aca. Faodaidh damh ruadh a bhith cho trom ri ceud agus seasgad cileagram. Tha sin nas truime na sianar chloinne aois ochd bliadhna. Nuair a shàthas dà fhorsa an aghaidh a chèile, 's e am forsa as motha a bhuannaicheas. Feuch fhèin e: feuch gleac-gàirdein còmhla ri do charaidean. Cò tha a' dèanamh am forsa as motha? |
|
Bidh damhain-nathrach a' tòiseachadh mar bhògasan gun sgiathan ris an canar ainnirean. Bidh ainnirean a' fuireach air bonn lòin airson suas ri còig bliadhna. Tha ceithir sgiathan air damhain-nathrach inbhidh. Faodaidh na cuirp aca a bhith gorm, uaine no dearg, le comharran dubha, geala no buidhe. Bidh damhain-nathrach ag ithe bhiastagan iteach nas lugha. Chì iad iad bho suas ri sia meatairean bhuapa agus sgiutaidh iad air an creich aig còrr is naochad 's a còig cilimeatair san uair. |
|
Tha an dath ann am pinn fealt air a dhèanamh bho dhiofar cheimigean.Cuir cnap de dhath le peann fealt air pàipear cidsin. Leig leis tiormachadh. Feuch fhèin e: Cuir aon bhoinneag uisge air a' chnap thioram. Sgaoilidh cearcaill de dhath a-mach bhuaidhe. Tha iad a' sealltainn nan ceimigean de dhiofar dhathan a rinn suas an dath anns a' pheann. |
Anns a' chlàr chithear cuspair agus geàrr-chunntas de fhiosrachadh nan càirtean dèanaidh. Dh'fheumar moladh dhan chloinn a bhith mothchail mu shàbhailteachd gach obair phractaigich agus a bhith cinnteach gu bheil inbheach còmhla riutha.
Fiosrachadh Cairtean Saidheans 31-45
Anns a' chlàr chithear cuspair agus fiosrachadh gach cairt. Tha eadar-theangachadh cuid de na facail a leanas agus facail feumail eile rim faighinn air an duilleag Briathrachas Saidheans.
| CAIRT | FIOSRACHADH |
|
Ma theasaicheas deigh thàthte tionndaidhidh i na uisge lionnte. Dh'fhaodadh blàthachadh na cruinne na tha de dheigh aig a' Phòla a Tuath a leaghadh sna ath cheud bliadhna. Nuair a dh' fhàsas uisge blàth tionndaidhidh e na ghas san àile. Canaidh sinn 'smùid' ris a' ghas seo. Faodaidh creagan teth faisg air bholcànothan toirt air smùid spùtadh a-mach às an talamh. |
|
Nuair a thathas a' dèanamh rudan ann am factaraidh, thathas gan cur fo dheuchainn mus tèid an cur gu bùithtean airson an reic. Tha na deuchainnean sin a' dèanamh cinnteach gu bheil na rudan sàbhailt is ag obair mar as còir. Feumaidh an deuchainneachadh seo a bhith cothromach. Ann an deuchainn chothromach feumaidh gach rud a bhith san aon òrdugh gach uair a thèid a chleachdadh - ach a mhàin an nì a tha thu a' deuchainneachadh. Dè a thachradh mur a biodh sinn a' cur rudan fo dheuchainn? |
|
Chleachd dobhair-choin a bhith air feadh Bhreatainn ach chaidh an sealg a-mach à bith. Bhathas gan sealg airson am bèin is airson ceimic nan cuirp a tha ag obrachadh mar aspirin. Ach ann an Alba thathas an dòchas an toirt air ais. |
|
Bidh duilleag-bhàthte a' fàs ann an uisge ciùin. Tha gach lus a' fàs gu mu thrì meatair. Bidh duilleag-bhàthte a' cuideachadh beathaichean lòin a' tarraing anail le bhith a' dèanamh builgeanan beaga ocsaidein san uisge. |
|
Tha steall èadhair air a shàthadh a-mach à einnsean plèana aig astar luath. Tha an sàthadh seo a' toirt air a' phlèana gluasad an aghaidh a cùrsa, agus mar a tha e a' cumail a' sàthadh, tha am plèana a' cumail a' dol nas luaithe 's nas luaithe. Feuch fhèin e: dèan seit-einnsean. Cuir gaoth ann am bailiùn, agus an uair sin leig às e gun snaidhm a chur air. Faic e a' sgèith air feadh an àite. Cuir sgiathan cairt-bhòrd air a' bhailiùn le teip steigeach. An toir thu air sgèith ann an loidhne dhìrich? |
|
'S e nàdar de lùth-shuathaidh a th' ann an aghaidheachd uisge. Tha cumadh rèidh is còmhnard air èisg. Tha seo a' toirt cothrom dha uisge sgiorradh nas fhasa seachad air an cuirp, aghaidheachd uisge ìsleachadh agus an astar a mheudachadh. 'S e an cairbhean an t-iasg as luaithe a chaidh a chlàradh a-riamh. Rinn e ceud agus a naoi cilimeatairean san uair. Tha sin nas luaithe na cheetah. |
|
Mur eil iad ann an soitheach, bidh gasaichean a' sgaoileadh a-mach gu luath. Chan fhuirich iad san aon àite. Tha a' chuid as motha de ghasaichean cumanta neo-fhaicsinneach - ach tha fàileadh làidir bho chuid dhiubh. Feuch fhèin e: iarr cùbhrachd air iasad agus cuir aon bhoinneag ann an truinnsear. Iarr air caraid seasamh trì ceumannan air falbh len sùilean dùinte. Dè cho fad 's a bheir e mus fhairich do charaid fàileadh na cùbhrachd? Nuair a dh'fhalbhas am fàileadh, gabhaibh àite càch a chèile, agus feuch a-rithist e. Ciamar a dhèanadh tu seo na dheuchainn chothromach? |
|
Nuair a thig air daoine teicheadh à plèana ann an èiginn cleachdaidh iad na fanain sin. Tha am fanan air leth rèidh. Cumaidh seo daoine bho bhith glacte le bhith ag ìsleachadh an lùth-shuathaidh ach a-mhàin air bonn an fhanain. An seo tha pìos garbh a' cur maill air daoine gus nach tuit iad is nach goirtich iad iad fhèin. |
|
Gluais truinnsear pàipeir gu socair san adhar. A-nis gluais an truinnsear nas luaithe agus fairichidh tu an èadhar a' bruthadh air ais an aghaidh an truinnseir Dè ma dh'fheuchas tu truinnsear nas motha? Am fairich thu an aghaidheachd èadhair? |
|
Ann am farpaisean an duine làidire bidh aig co-fharpaisich ri truca a shlaodadh gu math tric. Tha mu chòig-deug tunna a chuideam san truca is feumar a shlaodadh fichead meatair. Ach 's e an rud as dorra toirt air an truc gluasad sa chiad àite. |
|
'S ann anns a' chiad sia mìosan dem beatha as luaithe tha daoine a' fàs. An dèidh sin tha am fàs a' slaodachadh beagan. Mura biodh, bhiodh mu thrì billean tunna annad mun àm a ruigeadh tu trithead. |
|
Bidh feòcallain ag innse dha chèile far a bheil iad a' fuireach le bhith sgaoileadh lionn grod bhon tòin. 'S toigh leotha bhith fuireach ann an coilltean far am faigh iad am biadh as fheàrr leotha leithid choineanaich, eòin, uighean is losgainn. Uaireannan crùbaidh iad ann an sabhalan blàth a-mach às an fhuachd. |
|
Bidh feòragan a' cruinneachadh chnothan as t-fhoghar ach chan ann airson a bhith cluich leotha. Bidh iad a' toirt nan cnothan deàlrach a-mach às na cèisean spìceach is gan tiodhlacadh còmhla ri cnothan eile leithid bachar. Nuair a thig an geamhradh fuar, tha stòr de bhiadh blasta aig an fheòraig airson ith. |
|
Tha fionnanan-feòir Breatannach mu mheud bonn nota. Leumaidh iad fichead uiread an cuirp. Nan dèanadh tusa sin leumadh tu àirde togalaich seachd làirich. Bidh fionnanan-feòir a' spùtach a-mach salchar donn gus teich a chur air an nàimhdean. |
|
Milleanan bliadhna air ais chaidh beathach no lus mharbh a chòmhdach ann am poll. Nuair a lobh am beathach no an lus dh'fhàg e a chumadh fhèin sa pholl. Tro thìde chaidh gràinnean gainmhich is creige a nighe a-steach dhan mholltair seo is thàinig iad ri chèile mar an rud ris an canar fosail. Innsidh fosailean dhuinn mu bheathaichean o chionn fhada - leithid dineosaran. |
Anns a' chlàr chithear cuspair agus geàrr-chunntas de fhiosrachadh nan càirtean dèanaidh. Dh'fheumar moladh dhan chloinn a bhith mothchail mu shàbhailteachd gach obair phractaigich agus a bhith cinnteach gu bheil inbheach còmhla riutha.
Fiosrachadh Cairtean Saidheans 46-60
Anns a' chlàr chithear cuspair agus fiosrachadh gach cairt. Tha eadar-theangachadh cuid de na facail a leanas agus facail feumail eile rim faighinn air an duilleag Briathrachas Saidheans.
| CAIRT | FIOSRACHADH |
|
Tha frìdean-maide a' coimhead coltach ri biorain. Ma sheasas iad gun ghluasad tha e doirbh do bheathaichean is eòin am faicinn. Le bhith a' dèanamh seo, sàbhailidh am frìde iad fhèin bho bhith air an ith. 'S ann à Afraga a bhios iad a' tighinn ach bidh daoine gan cumail mar pheataichean. |
|
Tha cumadh frisbee ga chuideachadh a' sgèith, dìreach mar sgiath eòin. Ach chan eil frisbee seasmhach mur eil e a' cur charan. 'S e an Suaineach Christian Sandstrom a thilg frisbee an t-astar a b' fhaide anns an t-saoghal. Ann an dà mhìle 's a dhà, thilg e fear dà cheud agus coagad meatair. Feuch fhèin e: dè cho fad 's a thilgeas tu fhèin frisbee? Dè ma thilgeas tu e gun car a chur ann? Dèan nòta de na toraidhean agad. |
|
'S e fungas a th' ann am balganan-buarach agus ann am molldairean. Cha bhi iad a' biadhadh air solas-grèine bidh iad a' deoghal beatha à lusan eile is eadhon à beathaichean. Tha a' chuid mhòr den fhungas falaichte fon talamh, no am broinn an nì beò air a bheil e a' fàs. Chan fhaic thu ach a mheas. Fàsaidh pìosan snàithleanach de fhungas suas gu aon cilimeatair ann an latha. Tha sin cho fada ri deich raointean ball-coise. |
|
Cha bhi fungas leithid balganan-buarach an-còmhnaidh a' fàs air rudan beò. 'S toigh le cuid de fhungas a bhith beò ann an àiteachan a shaoileas sinne tha uabhasach is grod. An dèidh do bheathach an spòran beaga sìolach ithe, gluaisidh iad tro chorp a' bheathaich is crìochnaichidh iad na chuid shalchair. Tha tòrr rudan matha ri ithe san t-salchar agus is deagh thoigh le cuid de dh'fhungas seo. |
|
A bheil fhios agad gur ann bho gainmheach a tha glainne a' tighinn? Feumaidh tu gainmheach a theasachadh gu faisg air dà mhìle puing Celsius airson a leaghadh. Tha sin ochd tursan nas teotha na àmhainnean cidsin. Aon uair 's gu bheil a' ghainmheach na lionn glaodhach faodaidh tu pìob a chur ann is a shèideadh ann an cumaidhean eadar-dhealaichte. Nuair a dh'fhàsas a' ghlainne fionnar bidh i cruaidh is brisg. |
|
Tha lùth-suathaidh a' cumail rudan gun ghluasad gu furasta nuair a shuathas dà uachdar ri chèile. Nì roilearan no cuibhleachan e nas fhasa rudan troma a ghluasad. Feuch fhèin e: sàth leabhar trom tarsainn air bòrd. A-nis cuir peansailean fon leabhar agus sàth a-rithist e. An robh e na b' fhasa an leabhar a ghluasad? |
|
Tha eòin ann de dhiofar cumaidh agus meud, agus ag ithe diofar seòrsa bidhe. Ma tha gob goirid, tiugh air, bidh e ag ithe sìl. Gob goirid, biorach? Bidh e ag ithe fhrìdean. Casan fada agus gob fada? Bidh e ag ithe iasg agus losgannan. Gob mòr, mar dubhan? Bidh e ag ithe luchan agus eòin nas lugha. Feuch fhèin e: seall ri na h-eòin anns a' ghàrradh, an raon-cluiche no anns a' phàirc. An aithnich thu dè bhios gach eun ag ithe? |
|
Seallaidh an diosg snìomhach ann an gyroscope forsaichean àraid. Ma phutas tu e, is e a' snìomh, gluaisidh e air ais gu phuing sònraichte. Bithear a' cleachdadh gyroscopan ann an innealan-stiùiridh shoithichean - fuirichidh iad dìreach ge bith dè a thachras. |
|
Chì thu cho teth 's a tha rud le bhith a' togail dealbh sònraichte dheth. 'S e ìomhaigh fo-dheargte a tha seo is tha i a' sealltainn teth is fuar mar dhathan eadar-dhealaichte. An tomhais thu dè na h-ìomhaighean a tha teth is dè an fheadhainn tha fuar? |
|
Ruithidh leumadair-pòla is bruthaidh e pòla gu teann dhan talamh. Lùbaidh seo am pòla agus ann a dhol dìreach a-rithist, bruthaidh e an leumadair àrd dhan èadhar is thairis air a' bhàr. Tha Sergey Bubka, às an Ùcràin, clàraichte mar an leumadair as fheàrr san t-saoghal. |
|
Tha lionntan, leithid uisge, ruitheach. Bidh iad a' sileadh is a' sruthadh sìos bruthach gus an ruig iad an t-àite as ìsle a gheibh iad. Ma chuireas tu lionn ann an soitheach, sgaoilidh e gu cumadh an t-soithich. Gabhaidh e cumadh botail ann am botal, is cumadh locha ann an loch. |
|
'S e neart a bheir air rudan slaodachadh a th' ann an lùth-shuathaidh. Nuair bhios loban a' siubhal air raon-rèis reòthte, bidh na farpaisich airson cho beag lùth-shuathaidh is a ghabhas. Tha seo a' toirt air an loban a dhol nas luaithe. Faodaidh lùth-shuathaidh a bhith math is dona. Tha e an urra ri na thu airson a dhèanamh. Mura biodh lùth-shuathaidh ann cha stadadh an loban gu bràth. |
|
Nuair a thiormaicheas lòn, cha bhi e a' dol à sealladh. Tha an t-uisge a' tionndadh na ghas. Tha an t-aon rud a' tachairt le lionntan eile. Feuch fhèin e: cuir lòn de lionntan eadar-dhealaichte mar uisge, ola glasraich no siampù ann an diofar shàsaran. Dè an lionn as luaithe a thiormaicheas? Ciamar a dhèanadh tu seo na dheuchainn chothromach? |
|
Bidh lusan flùranach a' cleachdadh boltrach is dathan boillsgeach airson seilleanan a thàladh. Tha na seilleanan a' lorg neachtar, a tha a' sileadh bho mheadhan gach flùir. Nuair a thadhaileas seillean air flùra bidh e còmhdaichte le fùdar sònraichte ris an canar poilean. Thèid seo a thoirt gun ath fhlùra is cuidichidh e an lus a' dèanamh sìl ùra. |
|
Mura faigh lusan uaine gu leòr solas-grèine, thèid na duilleagan aca buidhe. Feuch fhèin e: geàrr a-mach ciad-litrichean d' ainm à pàipear agus steig iad le teip trìd-shoilleir ri duilleig uaine air lus. An ceann timcheall air seachdain, thoir dheth am pàipear agus chì thu na ciad-litrichean agad ann am buidhe air an duilleig uaine. |
Anns a' chlàr chithear cuspair agus geàrr-chunntas de fhiosrachadh nan càirtean dèanaidh. Dh'fheumar moladh dhan chloinn a bhith mothchail mu shàbhailteachd gach obair phractaigich agus a bhith cinnteach gu bheil inbheach còmhla riutha.
Fiosrachadh Cairtean Saidheans 61-75
Anns a' chlàr chithear cuspair agus fiosrachadh gach cairt. Tha eadar-theangachadh cuid de na facail a leanas agus facail feumail eile rim faighinn air an duilleag Briathrachas Saidheans.
| CAIRT | FIOSRACHADH |
|
Domhainn san talamh bidh creagan a' fàs cho teth 's gun tionndaidh iad nan lionn. 'S e magma a chanar ris an lionn seo. Uaireannan snighidh magma a-mach. 'S e bholcàno a chanar ris an àite far an tachair seo. 'S e làbha a chanar ris a' mhagma snighidh seo. Thig e a-mach aig teòthachd suas ri mìle agus dà cheud puing Celsius. |
|
Tha cuid a stuthan a loisgeas gu furasta. Tha ceimic ris an canar pronnasg air bàrr maidse. Nuair a thèid maids a shuathadh air pàipear-gainneimh garbh nì lùth-shuathaidh am pronnasg teth agus thèid e na theine. |
|
'S e maorach a th' ann an ochd-bhallaich, gibearnaich, ruagairean is seilcheagan. 'S e beathaichean le cuirp bhog, gun chnàmhan a th' ann am maorach. Bidh maorach a' tarraing anail tron craicnean. Ma thiormaicheas na craicnean aca bàsaicheadh iad. Tha còrr air 50, 000 seòrsa maoraich ann. |
|
T omhais do chuideam air meidh-chothrom. Ma bhruthas tu nas motha air a' mheidh, dè thachras? Ma bhruthas tu nas lugha air a' mheidh, dè thachras? |
|
'S e meatailt cruaidh, làidir a th' ann an iarann, ach, thar ùine, bheir èadhar agus boinneagan beaga uisge san àile air a' mheatailt atharrachadh gu fùdar orains bristeach ris an canar meirg. Meirgidh cuid de mheatailtean, agus cha mheirg cuid eile. Feuch fhèin e: cuir rudan beaga meatailt air nach eil feum agad tuilleadh mar greimearan-pàipeir, tacaidean no buinn airgid ann an àite tais. An ceann seachdain, a bheil gin dhiubh air meirgeadh? |
|
'S toigh le mialan-coille, ruagairean, seilcheagan agus boiteagan a bhith ann an àiteachan tais. Tha cuirp nam mial-choille còmhnard, ugh-chruthach agus mu 16 mìlemeatair a dh'fhaid. Tha sin beagan nas lugha na bonn 5 sgillinn. Bidh ruagairean agus seilcheagan gan cumail fhèin fliuch le bhith gan còmhdach fhèin le làthach. Ann an àite den aon mheud ri raon ball-coise, dh'fhaodadh uiread ri còig millean boiteag a bhith san talamh. Feuch fhèin e: lorg meanbh-bhiastagan anns a' ghàrradh no anns a' phàirc. Iarr air inbheach do chuideachadh a' coimhead fo chlachan agus logaichean. Lorgaidh tu mòran bhiastagan an sin. Cuimhnich gun cuir thu a h-uile càil air ais mar a fhuair thu e. |
|
'S e muilnean-gaoithe famhaireach airson dealan a dhèanamh a th' ann an sparrairean gaoithe. Bidh a' ghaoth a' sèideadh nan lannan mòra ann an cearcaill. Tha innleachd sa mheadhan a' tionndadh a' ghluasaid seo gu cumhachd dealain. Tha na lannan air chumadh gus an glac iad a' ghaoth. Mar as luaithe a thèid iad timcheall 's ann as motha dealain a gheibh sinn. |
|
Mar a tha an talamh a' gluasad mun ghrèin tha na tha sinn a' faighinn de sholas is de theas ag atharrachadh. Bidh sinn a' roinn nan atharrachaidhean sin ann an ràithean: samhradh, geamhradh, earrach is foghar. Faisg air na pòlaichean cha bhi a' ghrian a' dol fodha as t-samhradh, is cha bhi i ag èirigh sa gheamhradh. Cha mhòr nach eil gach nì beò ag atharrachadh le na ràithean. Ciamar tha thu a' smaoineachadh tha sinne ag atharrachadh? |
|
Bidh nathair a' sìomanaich nuair tha i a' gluasad. Bidh aon phàirt de chorp a' bruthadh pàirt eile. Tha na bruthaidhean eadar-dhealaichte a' toirt air an nathair gluasad air adhart. 'S e am Mamba Dubh Afragànach an nathair as luaithe air an t-saoghal. Snìomhanaichidh i cho luath ri naoi-deug cilimeatairean san uair. |
|
Bidh eòin eadar-dhealaichte a' togail nid eadar-dhealaichte. Bidh iad gan togail le iomadach seòrsa rud, leithid bhioran, còinnich is itean. Ach cha bhi a h-uile eun a' togail nead sna craobhan, is fheàrr le cuid an togail air mullaich thaighean. |
|
Tha pàipear air a dhèanamh a-mach à fiodh. Tha diofar sheòrsachan pàipeir air an cleachdadh airson diofar rudan. Tha cuid de phàipear dèante airson a bhith bog, mar pàipear-toileit, cuid airson uisge a shùghadh, mar phàipear-cidsin, agus cuid eile làidir agus uisge-dhìonach, mar pacaidean bainne. Feuch fhèin e: cruthaich do phàipear fhèin. Iarr air inbheach do chuideachadh. Dèan frèam le sgaoileadh seann stocainnean-teann tarsainn air hangar-aodaich meatailt. Obraich pìosan pàipear-naidheachd agus beagan uisge ann an inneal-measgachaidh gus am bi e mìn. Iarr seann bhobhla air inbheach agus cuir làn spàin de ghlaodh geal agus boinneag dath bidhe na mheasg. Còmhdaich am frèam leis an stuth seo. Nuair a bhios an t-uisge gu lèir air sìoladh, fàg am frèam ann an àite sàbhailte gus an tiormaich e. Nuair a bhios e gu math tioram faodaidh tu am pàipear a rinn thu a thoirt dheth agus sgrìobhadh air. |
|
'S e lionn a th' ann an deoch-liomaid. Tha e ruitheach agus bidh e a' dol gu cumadh an t-soithich sa bheil e. 'S e stuth tàthte a th' ann an deigh. Bidh e a' fuireach san aon chumadh. 'S e gas a tha anns na puilmeanan ann an deoch-liomaid. Tha iad nas aotruime na an lionn, agus bidh iad a' deann-ruith suas tron deoch-liomaid an coinneamh na h-èadhair. Feuch fhèin e: faigh glainne uisge agus sràbh. Cuir an sràbh dhan uisge agus sèid innte. Am faic thu an èadhar a' dol tron lionn? |
|
Tha uisge a' reothadh aig neoni puing Celsius. Bidh a' chuid as motha de rudan a' fàs nas lugha nuair a reothas iad. Ach tha uisge àraid, bidh e a' leudachadh. |
|
'S e nàdar de lùth-shuathaidh a th' ann an aghaidheachd èadhair. Tha plèanaichean air an dèanamh le cumadh rèidh gus an tèid èadhar tromhpa gu furasta. B' e an X-15, a ràinig seachd mìle dà cheud seachdad 's a ceithir cilimeatairean san uair ann an naoi ceud deug seasgad 's a seachd am plèana le paidhleat bu luaithe. Aig an astar sin, cha toireadh e ach còig uairean gu leth a' siubhal timcheall an t-saoghail. |
Anns a' chlàr chithear cuspair agus geàrr-chunntas de fhiosrachadh nan càirtean dèanaidh. Dh'fheumar moladh dhan chloinn a bhith mothchail mu shàbhailteachd gach obair phractaigich agus a bhith cinnteach gu bheil inbheach còmhla riutha.
Cairtean Saidheans 76-90
Anns a' chlàr chithear cuspair agus fiosrachadh gach cairt. Tha eadar-theangachadh cuid de na facail a leanas agus facail feumail eile rim faighinn air an duilleag Briathrachas Saidheans.
| CAIRT | FIOSRACHADH |
|
Tha ròcaisean is starragan coltach ri chèile. Aithnichidh tu ròcais oir tha aodann glas-gheal oirre is gob nas taine. Is toigh le ròcaisean an caraidean a bhith timcheall orra. Bidh iad a' togail an nid mar bhuidhnean ann an craobhan. 'S e ionad ròcais a chanar ri buidheann nid. |
|
Fàisg beagan sùgh lìomaid air buinn sgillinn no dà sgillinn shalach. Glanaidh an searbhag na buinn. 'S e fìon-geur agus còla searbhagan eile a dh'fhaodadh a bhith agaibh san dachaigh. Ciamar a gheibheadh tu a-mach dè am fear as searbhagaiche? Ciamar a dhèanadh tu e na dheuchainn chothromach? |
|
Bidh seilcheagan a' sileadh làthach shleamhainn gus an cuideachadh a' sleamhnachadh timcheall. Ann an aimsir thioram bidh seilcheagan a' cleachdadh an làthaich gus beàrn an slige a chòmhdach. Bidh an 'doras' seo a' cumail an t-seilcheig fliuch is lìgheach. |
|
Gu tric tha sgiathan leòmainn an t-aon dath agus pàtran ri na bunan-craoibhe mun cuairt. Tha seo a' cuideachadh nan leòmann a' falach air eòin a bhios gan ithe. Feuch fhèin e: dèan dealbh de leòmann air pìos pàipeir agus cuir dath air. Steig e air bun-craoibhe agus faic an lorg caraid e. |
|
Tha sìl anns a h-uile meas. Bidh na sìl a' cruthachadh lusan ùra. Ged is e glasraich a chanas sinn ri rudan mar tomàtothan agus piobairean uaine,'s e measan a th' annta. Tha an sìol as motha anns a' phailm dhùbailte. Faodaidh suas ri 20 cileagram de chuideam a bhith annta. Tha sin mar deich botail mhòra de dheoch-liomaid. Feuch fhèin e: glèidh sìol bho ubhal agus cuir ann am poit ùire e. Fàg ri taobh uinneag e agus cuir beagan uisge air gach latha. Cùm do shùil air agus faic am fàs e. |
|
'S e sleagh caol 2.6 meatair a dh'fhaid agus 800 gram a chuideam a th' ann am mòrghath. Bidh e a' snìomh mar a bhios e a' falbh is tha seo ga shocrachadh san èadhar. 'S e Jan Zelezny à Poblachd na Seic am mòrghathair as fheàrr san t-saoghal. |
|
'S ann ann an craobhan mar as trice tha snaganan-daraich a' fuireach. Bidh iad a' cleachdadh an guib airson tuill a dhèanamh sna craobhan far a bheil iad a' neadachadh. Tha an cinn gu sònraichte làidir. Seasaidh iad ri neartan mòra a bheireadh air neach fannachadh. |
|
Bidh snàmhaichean a' cleachdadh an làmhan is an casan gus iad fhèin a bhruthadh tron uisge. Thèid iad nas luaithe ma tha iad còmhnard san uisge. Tha sin a' ciallachadh nach eil uimhir aghaidheachd uisge ann airson an slaodachadh. 'S e an snàigeadh aghaidh a' bhuille as luaithe. |
|
Nuair a bhuaileas ball sniucair a tha a gluasad ann am ball sniucair a tha na stad, tha am ball a tha na stad air a shàthadh agus a' tòiseachadh a' gluasad. Ach tha e a' sàthadh air ais an aghaidh a' bhuill a bhuail ann, agus tha am ball sin a' slaodachadh no a' stad. Feuch fhèin e: roilig marbal a-null gu sreath de mharbalan nach eil a' gluasad agus faic dè thachras. |
|
San earrach bidh snoileòin fireann is boireann a' lorg nead còmhla. Bidh iad tric a' togail nid ann an craobhan ach uaireannan nì iad dachaigh ann am bogsaichean nid. Bidh an t-snoileun boireann a' breith eadar seachd is trì-deug uighean. Thig na uighean a-mach an dèidh cola-deug. Cuidichidh tu snoileòin is tòrr eòin eile le bhith cur biadhadairean-eòin a-mach sa gheamhradh. |
|
Bidh tòrr stuthan eadar-dhealaichte ann an sòfa. Stuth cotain airson còmhdaichean, frèam fiodha airson a bhith làidir, springean cruadhach airson sgeing agus rubair bog uthain gus na cuiseanan a lìonadh. |
|
Tha bann lastaig ag obair mar sprionga nuair a tharraingeas tu e. Tarraing e agus an uair sin leig às e. Faic am bann a' leum air ais chun an fhaid a bha e bho thus. |
|
Nuair a shuathas rudan ri chèile, bidh iad a' cruthachadh neart ris an canar lùth-suathaidh. Bidh lùth-suathaidh a' slaodachadh rudan, agus cuideachd gan teasachadh. Feuch fhèin e: suath do làmhan ri chèile. Bidh lùth-suathaidh gam blàthachadh. |
|
Tha a' chreathall shònraichte fon chàr seo a' cuideachadh an luchd-togail airson an càr a mheas air rathaidean reòthte Tha e ag ìsleachadh an t-suathaidh eadar taidhr a' chàir is an rathad dìreach mar gum biodh an càr dha-rìribh air deigh shleamhainn. Seall air a' cur nan car. |
|
Ann an Tilgeadh an Ùird bidh lùth-chleasaichean a' siudadh òrd 7.2 cileagram timcheall an cinn air uèir 1.2 meatair. Mar as luaithe a shiudas an t-òrd 's ann as fhaide a dh'fhalbhas e nuair a leigeas an lùth-chleasaich às e. Stèidhich Yuriy Sedykh an tilgeadh ùird a b' fhaide air an t-saoghal aig 86.74 meatairean ann an 1986. |
Anns a' chlàr chithear cuspair agus geàrr-chunntas de fhiosrachadh nan càirtean dèanaidh. Dh'fheumar moladh dhan chloinn a bhith mothchail mu shàbhailteachd gach obair phractaigich agus a bhith cinnteach gu bheil inbheach còmhla riutha.