Cuir Ceist

'S e làrach-lìn Gàidhlig a th' ann an Cuir Ceist dha clann bho aois 7-11. Am measg làraich eile do sgoilearan a tha ag obair a dh'ionnsaigh na dara ìre den Churraicealam airson Sàr Mhathais tha:


Tha còig geamannan ann an Cuir Ceist a chaidh a dhealbh gus barrachd tuigse a thoirt air àite agus buaidh creideimh, smaoineachadh a bhrosnachadh agus cothroman a thoirt seachad airson leasachadh spioradail.

Tha an cuideam air Crìosdaidheachd ach tha fiosrachadh ann cuideachd bho Bhuddhachd, Islam, Iùdhachd agus Hindùthachd, agus tha sealladh saoghalta ann far a bheil sin iomchaidh.

Chan eil an gèam ag iarraidh air cluicheadair creideamh a thaghadh no taghadh eadar creideamhan, ach tuigsinn agus beachdachadh air na luachan ann an diofar chreideamhan.

Tha Cuir Ceist a' cur air adhart Prionnsabalan is Cleachdaidhean a' Churraicealaim airson Sàr Mhathais (CfE) airson Foghlam Crìosdail is Moralta (RME). Tha ionnsachadh tro Cuir Ceist a' toirt cothrom dha daoine òga na leanas a dhèanamh:

ionnsachadh bho creideamhan, luachan, cleachdaidhean is dualchasan Crìosdaidheachd agus bho na creideamhan eile a chaidh a thaghadh, bho dualchasan is beachdan eile a tha neo-eisimeileach bho chreideamh chràbhach. Tha na dùbhlain a' tabhann chothroman dhan luchd-ionnsachaidh gus creideamh aithneachadh mar nì cudromach ann an eòlas daonna. Faodaidh seo cuideachd brosnachadh a thabhann airson eòlas is tuigse mu chreideamhan a rannsachadh is a leasachadh, ag aithneachadh àite Chrìosdaidheachd ann an suidheachadh Albannach agus airson rannsachadh a dhèanamh is tuige fhaighinn mu na freagairtean a dh'fhaodas beachdan cràbhach is neo-chràbhach a thoirt do cheistean mu nàdar is ciall na beatha.

Tha Cuir Ceist air a dhealbhadh airson an cleachdaiche a bhrosnachadh gus beachdachadh air an fhiosrachadh agus gus feuchainn ri ciall a thoirt às na suidheachaidhean a th' air an cleachdadh agus anns na suidheachaidhean farsaing a tha buntainneach dhaibh. Tha comasachd ann cuideachd airson pearsantachd is roghainn far am faod luchd-ionnsachaidh suidheachaidhean buntainneach a rannsachadh ann am barrachd leud no doimhneachd.

Dùbhlain
Tha còig dùbhlain ann:
Cuairt tron Choille (Walk in the Woods)
Bochdainn is Beairteas (Rags and Riches
Air a' Chladach (Seaside Special)
Baile Fàs (Derelict Town)
Truailleadh sa Bhaile (Spillage in the Village

Cuidichidh an obair thu gu bhith:
• ag aithneachadh prìomh luachan creideimh co-cheangailte ris an t-saoghal nàdarra
• a' tuigsinn dleastanas airson na planaid agus a' com-pàirteachadh sin ri daoine eile
• a' tuigsinn na th' aig creideamh ri ràdh mu àite dhaoine san t-saoghal, me, cho sònraichte 's a tha e.

A' cluich a' gheama
Tha dà dhòigh air an gèam a chluich. Bheir na dhà cothrom dhut feuchainn air na dùbhlain ann an òrdugh sam bith.

Cruth dùbhlain
Gabh cuairt tro gach àite airson na caractaran a lorg.

Cruth teacsa
Cluich an gèam leis an teacsa a-mhàin gun a dhol tro gach àite a lorg nan caractaran. Chaidh seo a dhealbh airson a bhith nas fhasa a chleachdadh dha na doill, feadhainn a tha gann de fhradharc, no a chleachdas meur-chlàr airson stiùireadh. Ach, faodaidh duine sam bith a chleachdadh.

Tagh caractar
Faodaidh tu do charactar fhèin a thogail airson nochdadh sa ghèam.

Tagh treòraiche
'S e an treòraiche a bheir stiùireadh dhut tro Cuir Ceist agus cuidichidh e thu ma tha feum agad air.

A' gluasad
Faodaidh tu a dhol tro na geamannan le bhith cliogadh air a' cheàrnaig dha bheil thu airson gluasad. Airson bruidhinn ris na caractaran, cliog air a' cheàrnaig liath rin taobh.

Caractaran
Anns gach dùbhlan, coinnichidh tu ri caractar le ceist shònraichte mun t-saoghal. 'S e d' obair-sa a' cheist a fhreagairt le bhith a' bruidhinn ri gach caractar eile san dùbhlan. Bidh sealladh creideimh aig na caractaran air a' chùis a thathar a' deasbad. An uair sin, till chun a' cheasnaiche, a bheir duais dhut, nuair a bhios e/i toilichte gun do fhreagair thu a' cheist.

Gus crìoch a chur air an dùbhlan, feumaidh tu bruidhinn ri caractar ris an canar Fear a' Gheata. 'S ann le bruidhinn ri Fear a' Gheata a gheibh thu tron bhacadh agus crìoch a chur air an dùbhlan. Chaidh an caractar seo a dhealbh gus do chuideachadh ann a bhith a' smaoineachadh air na dh'ionnsaich thu, agus airson sin a chur ri d' eòlas agus do thuigse fhèin air creideamh.

Beag-fhaclair de bhriathrachas na làraich.
Thoir a-nuas agus clò-bhuail am 'Beag-fhaclair'

Taic claistinneach is lèirsinneach
Cliog air 'Roghainnean' airson:
• ath-mheudachdh teacsa sgrion is teacsa is dathan cùl-raoin atharrachadh
• teacsa air sgrion a chluinntinn
• tiotalan fhaotainn dhan mhòr-chuid de na th' air bhidio is fuaim.

Chan eil na roghainnean seo rim faotainn san earrann Fiosrachaidh.

Faodaidh tu cuideachd stiùireadh tron chuid as motha dheth leis a' mheur-chlàr.

Cuairt tron Choille

Dè cho prìseil 's a tha an saoghal nad bheachd-sa? Dè th' aig daoine a tha a' creidsinn ann an Dia ri ràdh mu choimhead às dèidh na h-àrainneachd?

Tha an dùbhlan seo a' togail nan ceistean a leanas:
• Dè an luach a tha cuid a tha a' creidsinn ann an Dia a' cur air an t-saoghal nàdarra?
• Ciamar a bhios iad a' cur nan luachan sin an cèill?
• Dè cho prìseil 's a tha an saoghal nad bheachd-sa?
• Ciamar a tha do bheachdan air an t-saoghal nàdarra a' toirt buaidh air mar a tha thu beò?

Tha na ceistean bunaiteach sin co-cheangailte ri na ceithir comasan a th' ann an Curraicealam airson Sàr Mhathais, gu sònraichte a bhith nar saoranaich cùramach is nar tabhartairean èifeachdach. Dh'fhaodadh leasachadh a dhèanamh air cothroman na nithean sin a rannsachadh ann an cleachdadh agus air mar a chithear iad nar sòisealtas.

> Cluich Cuairt tron Choille

Na Caractaran
Airson adhartas a dhèanamh feumaidh tu bruidhinn ris na caractaran fad na h-ùine, gun choiseachd air falbh sa mheadhan.

Coinnichidh tu ris na daoine a leanas:

Neach-ealain
Tha an neach-ealain a' cur na ceist: Dè an luach a tha daoine a tha a' creidsinn ann an Dia a' cur air an t-saoghal nàdarra? Carson? Ciamar a bhios iad a' cur nan luachan sin an cèill?

Neach-raoin na Pàirce (Crìosdaidh)
Tha an neach-raoin a' cur luach air an t-saoghal nàdarra oir tha i a' creidsinn gun do chruthaich Dia e, agus mar sin gu bheil e math; tha i a' creidsinn gu bheil e na dhleastanas bho Dhia gum bi daoine a' coimhead às dèidh a' chruthachaidh. Bidh i a' cur nan luachan sin an cèill ann an ùrnaighean aig àm an aslachaidh agus tro Fhèill an Fhogharaidh.

Am Balach a tha ag Iasgach (Iùdhach)
Tha am balach seo dhen bheachd gun do dh'àithn Dia, an Cruithear, san Torah, dha na h-Iùdhaich an saoghal nàdarra 'a shaothrachadh agus a ghleidheadh' (Genesis 2:15*), agus gu bheil 'uachdaranachd' (Genesis 1:26*) aig daoine thairis air agus gu bheil uallach orra airson glèidhteachas. Bidh daoine a' cur na tha iad a' creidsinn an cèill le bhith a' tairgsinn bheannachdan agus a' cumail ris an Torah, le bhith a' leantainn a' phrionnsapail shabataich agus ann am fèilltean mar Tu b'Shevat agus Sukkot.

Neach na Grèine
Balach nan Clach
Tè nan Ceapairean

'S e caractaran 'buairidh' a tha san triùir seo. Cha chuidich e thu crìoch a chur air an dùbhlan ma bhruidhneas tu riutha, ach togaidh iad ceistean mu bhith a' coimhead às dèidh an t-saoghail, agus dh'fhaodadh tu smaoineachadh orra.

Eisimpleirean de chòmhraidhean a tha a' nochdadh ann an Cuairt tron Choille.
Thoir a-nuas agus clò-bhuail duilleag 'Cuairt tron Choille'

Taic
Tadhail air na caractaran san òrdugh seo:
1. an neach-ealain, airson a' cheist aige fhaighinn
2. am balach a tha ag iasgach agus an neach-raoin (ann an òrdugh sam bith)
3. an neach-ealain a-rithist - feumaidh tu na freagairtean ceart a thoirt dha airson an duais fhaighinn
4. fear a' gheata, na sheasamh aig an abhainn.

Nuair a gheibh thu an duais, ma chuireas tu crìoch air a' chòmhradh ri Fear a' Gheata, leigidh e tarsainn na h-aibhne thu agus faodaidh tu tilleadh chun a' phrìomh chlàir.

Bochdainn is Beairteas

Carson a tha cuid beò air an t-sràid, agus cuid eile ag ithe ann an taighean-bìdh leòmach? Ciamar a bhios daoine a' feuchainn ri daoine bochda a chuideachadh? Dè dh'fhaodadh tu fhèin a dhèanamh?

Tha an dùbhlan seo a' togail nan ceistean a leanas:
• Dè na rudan a dh'fheumas daoine dha-rìribh?
• Carson nach eil stòrasan an t-saoghail air an roinn nas fheàrr?
• A bheil feum ann a bhith a' roinn?
• Dè bhios luchd-creideimh a' dèanamh mu neo-ionannachd?

Tha an obair seo a' tabhann chothroman airson còmhraidhean feallsanachail agus airson leasachadh a dhèanamh air sgilean brithneachail. Faodar cuimseachadh cuideachd air feartan cànain is sgilean litearrachd tro bhith a' leasachadh beachd no argamaid airson, no an aghaidh, seasamh shònraichte. Gabhaidh an obair a leanas a leasachadh ann an suidheachadh ionnsachaidh eadar-roinneil le bhith a' coimhead ri na ceistean aig ìre ionadail, a' rannsachadh nan ceistean taobh a-staigh an suidheachaidhean ionadail fhèin a thuilleadh air sgèile nas domhanta.

> Cluich Bochdainn is Beairteas

Na Caractaran
Airson adhartas a dhèanamh feumaidh tu bruidhinn ris na caractaran fad na h-ùine, gun choiseachd air falbh sa mheadhan.

Coinnichidh tu na daoine a leanas:

Neach-reic am Big Issue
Tha neach-reic am 'Big Issue' a' faighneachd carson a tha neo-ionannachd san t-saoghal. Dè tha daoine a' dèanamh mu dheidhinn?

Neach-naidheachd (Iùdhach)
Tha an neachd-naidheachd ag innse mun railidh 'Make Poverty History' an Dùn Èideann. Tha e ag ràdh gur ann mu cheartas a tha seo, 's gu bheil an dòigh seo a' dèanamh diofar fad am beatha do dhaoine bochda. Tha e dhen bheachd gu bheil ceartas cudromach oir tha an Torah ga theagasg.

Neach Saor-thoileach Christian Aid (Crìosdaidh)
Tha an caractar seo a' sealltainn gu bheil feadhainn bho shealladh creideimh agus bho shealladh daonnachd ag obair còmhla gus feumalachdan gach duine a choinneachadh, agus gun dèan an rud as lugha a nì sinn feum gus faochadh a thoirt do dhaoine bochda.

Lannsair Sean (Muslamach)
Tha an caractar seo a' creidsinn gu bheil dleastanas air Muslamaich rud a dhèanamh mu neo-ionannachd san t-saoghal. Tha e dhen bheachd gu bheil na nì Muslamaich fa leth gan cuideachadh gu bhith a' tuigsinn agus a' toirt freagairtean do neo-ionannachd le bhith a' roinn nam buannachdan. Tha e a' mìneachadh mar a tha zakah agus ramadan a' cur taic ris an sin.

Fear a' Chàir Mhòir
Còcaire
Boireannach Leòmach
Fear gun Dachaigh

'S e caractaran 'buairidh' a tha sa cheathrar seo. Cha chuidich e thu crìoch a chur air an dùbhlan ma bhruidhneas tu riutha, ach togaidh iad ceistean mu bhith a' coimhead às dèidh an t-saoghail, agus dh'fhaodadh tu smaoineachadh orra.

Eisimpleirean de chòmhraidhean a tha a' nochdadh ann am Bochdainn is Beairteas.
Thoir a-nuas agus clò-bhuail duilleag 'Bochdainn is Beairteas'

Taic
Tadhail air na caractaran san òrdugh seo:
1. neach-reic am 'Big Issue' airson a' cheist aige fhaighinn
2. neach-saor-thoileach Christian Aid, an neach-naidheachd a' gabhail cofaidh agus an lannsair sean (ann an òrdugh sam bith)
3. neach-reic am 'Big Issue' a-rithist - feumaidh tu na freagairtean ceart a thoirt dha airson an duais fhaighinn
4. fear a' gheata, na sheasamh ri taobh a' bhus.

Nuair a gheibh thu an duais, ma chuireas tu crìoch air a' chòmhradh ri Fear a' Gheata, leigidh e tarsainn na h-aibhne thu agus faodaidh tu tilleadh chun a' phrìomh chlàir.

A' cleachdadh na ceist mu neo-ionannachd, bheir an obair seo cothrom dhan luchd-ionnsachaidh leasachadh a dhèanamh air sgilean beachdachaidh, lèirsinneach, breitheachail agus air an dòigh anns an tig iad gu co-dhùnaidhean moralta.

Air a' Chladach

Carson a bhios daoine a' coimhead às dèidh na h-àrainneachd? Ciamar a bhios iad a' leasachadh na planaid? Dè dh'dhaodadh tu fhèin a dhèanamh?

Tha an dùbhlan seo a' togail nan ceistean a leanas:
• Dè dh'ionnsaicheas mi bho na dòighean sa bheil daoine a' sealltainn uallach mun àrainneachd?
• Dè bhios luchd-creideimh a' dèanamh? Carson?
• Dè nì mise airson an àrainneachd a leasachadh?

> Cluich Air a' Chladach

Na Caractaran
Airson adhartas a dhèanamh feumaidh tu bruidhinn ris na caractaran fad na h-ùine, gun choiseachd air falbh sa mheadhan.

Coinnichidh tu na daoine a leanas:

Oifigear Faire Rathad Sgoile
Mhothaich an t-Oifigear Faire gu bheil ùidh aig daoine dèanamh cinnteach gum bi a' phlanaid ann an deagh staid dhan ath ghinealach. Carson? Carson a choimheadadh iad às dèidh an t-saoghail?

Tè ann an Lios Sàmhach (Crìosdaidh)
Tha an tuathanach seo a' dèanamh rudeigin oir tha e a' creidsinn gu bheil Dia ag iarraidh air daoine coimhead às dèidh an t-saoghail. Tha e ag ràdh gu bheil cuid a' sealltainn spèis dhan àrainneachd le bhith a' feuchainn ri nithean malairt chothromach a cheannach agus a bhith a' cleachdadh stòrasan an t-saoghail gu ciallach.

Tuathanach Organach (Crìosdaidh)
This character is taking action because of his personal belief that God asks people to look after the world. He explains that some people show respect for the environment by trying to buy fair trade items and using the earth's resources responsibly.

Neach-leantainn Hare Krishna
Tha neach-leantainn Hare Krishna a' mìneachadh a chreideimh ann an Krishna, agus gu bheil e fhèin dhen bheachd nach bu chòir do dhaoine càil ach na dh'fheumas iad a thoirt às an t-saoghal.

Iasgair
Tè a' Reic Silidh
Cat
Neach Spèile-bòrd

'S e caractaran 'buairidh' a tha sa cheathrar seo. Cha chuidich e thu crìoch a chur air an dùbhlan ma bhruidhneas tu riutha, ach togaidh iad ceistean mu bhith a' coimhead às dèidh an t-saoghail, agus dh'fhaodadh tu smaoineachadh orra.

Eisimpleirean de chòmhraidhean a tha a' nochdadh ann an Air a' Chladach.
Thoir a-nuas agus clò-bhuail duilleag 'Air a' Chladach'

Taic
Tadhail air na caractaran san òrdugh seo:
1. an t-oifigear faire airson a' cheist aice fhaighinn
2. an tè air a' bheinge, an tuathanach organach, neach-leantainn Hare Krishna (ann an òrdugh sam bith)
3. an t-oifigear faire a-rithist - feumaidh tu na freagairtean ceart a thoirt dhi airson an duais fhaighinn
4. fear a' gheata, na sheasamh aig a' gheata chun na creagan.

Nuair a gheibh thu an duais, ma chuireas tu crìoch air a' chòmhradh ri Fear a' Gheata, leigidh e tarsainn na h-aibhne thu agus faodaidh tu tilleadh chun a' phrìomh chlàir.

Baile Fàs

Carson a bhios daoine a' milleadh na h-àrainneachd?

Tha an dùbhlan seo a' togail na prìomh cheist a leanas:
• Carson a bhios daoine a' milleadh na planaid?

Tha brosnachadh ga thoirt do luchd-ionnsachaidh an sàr sgilean ceasnachaidh a chleachdadh airson tuilleadh cheistean a thogail a chleachdas iad len comhaoisean agus, 's dòcha, ann an deasbad.

> Cluich Baile Fàs

Na Caractaran
Airson adhartas a dhèanamh feumaidh tu bruidhinn ris na caractaran fad na h-ùine, gun choiseachd air falbh sa mheadhan.

Coinnichidh tu na daoine a leanas:

Tè na Suidhe san t-Suidheachan càir
Le bhith a' bruidhinn ris a' charactar seo, feumaidh tu faighinn a-mach carson a tha saoghal àlainn na leithid de staid, agus a bheil duine ann a tha airson rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn. A bheil creideamh dhaoine a' toirt buaidh air am beachdan air an àrainneachd? Dè tha iad a' dèanamh? Dè 's urrainn dhìse a dhèanamh? Dè 's urrainn dhut fhèin a dhèanamh?

Ministear (Crìosdaidh)
Tha an caractar seo a' creidsinn gun do chruthaich Dia an saoghal agus gun do chuir e dleastanas air daoine air a shon. Mhill daoine an cruthachadh seach gun robh iad buailteach an toil fhèin a dhèanamh seach toil a' Chruitheir. Tha cothrom aig daoine a chur ceart oir bidh an Cruithear a' toirt cothrom eile do dhaoine.

Tè a' Togail Sgudal (Iùdhach)
Tha an caractar seo a' mìneachadh gu bheil e cudromach dha na h-Iùdhaich a bhith a' coimhead às dèidh an t-saoghail; feumaidh daoine an aire a thoirt air na th' aca agus feuchainn gun a mhilleadh. Tha i a' bruidhinn air Tikkun Olam (a' leigheas an t-saoghail), a tha gu mòr mu cheartas sòisealta, ach a tha a' gabhail a-steach cùram dhan àrainneachd.

Fear le na Notaichean (Muslamach)
Tha an caractar seo a' mìneachadh gum feum Muslamaich a bhith cùramach mu bhith a' coimhead às dèidh an t-saoghail agus a bhith beò a rèir toil Allah. Tha e air iarraidh air Muslamaich strìochdadh do dh'Allah nam beatha, agus tha an dòigh san dèan iad sin a' toirt buaidh air càit an tèid iad nuair a bhàsaicheas iad.

Fear nam Bogsaichean
Fear a' Chanastair
Iasgair Sean

'S e caractaran 'buairidh' a tha san triùir seo. Cha chuidich e thu crìoch a chur air an dùbhlan ma bhruidhneas tu riutha, ach togaidh iad ceistean mu bhith a' coimhead às dèidh an t-saoghail, agus dh'fhaodadh tu smaoineachadh orra.

Eisimpleirean de chòmhraidhean a tha a' nochdadh ann am Baile Fàs.
Thoir a-nuas agus clò-bhuail duilleag 'Baile Fàs'

Taic
Tadhail air na caractaran san òrdugh seo:
1. an tè san t-suidheachan càir, airson a' cheist aice fhaighinn
2. neach-obrach Islamic Relief, am ministear agus an tè a tha a' togail sgudal (ann an òrdugh sam bith)
3. an tè san t-suidheachan càir air an tràigh a-rithist - feumaidh tu na freagairtean ceart a thoirt dhi airson an duais fhaighinn
4. fear a' gheata, na sheasamh aig obair an rathaid.

Nuair a gheibh thu an duais, ma chuireas tu crìoch air a' chòmhradh ri Fear a' Gheata, leigidh e tarsainn na h-aibhne thu agus faodaidh tu tilleadh chun a' phrìomh chlàir.

Truailleadh sa Bhaile

Carson a tha daoine a' creidsinn ann an Dia? Dè tha iad a' creidsinn mu Dhia? A bheil Dia diombach nuair a bhios daoine a' milleadh an t-saoghail?

Tha an dùbhlan seo a' togail nan ceistean a leanas:
• Dè agus carson a tha daoine a' creidsinn ann an Dia?
• Ma rinn Dia an saoghal, a bheil E diombach nuair a bhios daoine ga mhilleadh?
• Dè tha an aon rud, agus dè tha eadar-dhealaichte, mu na tha Crìosdaidhean, Iùdhaich agus Muslamaich a' creidsinn mu Dhia?

> Cluich Truailleadh sa Bhaile

Na Caractaran
Airson adhartas a dhèanamh feumaidh tu bruidhinn ris na caractaran fad na h-ùine, gun choiseachd air falbh sa mheadhan.

Coinnichidh tu na daoine a leanas:

Stiùiriche Telebhisein
Tha an stiùiriche telebhisein a' faighneachd ma chruthaich Dia saoghal cho àlainn, carson a tha rudan uabhasach a' tachairt? Carson a tha daoine a' creidsinn ann an Dia?

Fear a' Chamara (Crìosdaidh)
Tha an caractar seo a' creidsinn gun do rinn Dia an saoghal, agus gum bi daoine glè thric ga mhilleadh. Feumaidh iad ionnsachadh deagh fheum a dhèanamh dhen t-saoghal nàdarra agus na stòrasan a th' ann. Tha e a' creidsinn nuair a thuigeas iad gu bheil iad ceàrr, gun iarr iad mathanas air Dia. Bheir Dia sin an-còmhnaidh do dhaoine ma tha aithreachas orra dha-rìribh.

Luibh-eòlaiche (Iùdhach)
Tha an caractar seo a' gabhail ris gu bheil an saoghal seo math. Ciamar a bhios Dia a' gabhail ri rudan? Cò aige tha fios? Tha e a' creidsinn gum bu chòir daoine a bhith beò ann an dòigh cho math agus cho cùramach 's a ghabhas. Bu chòir gum biodh an saoghal nas fheàrr nuair a dh'fhàgas iad e na nuair a fhuair iad e.

Neach-naidheachd (Muslamach)
Tha an caractar seo a' gabhail ris gun deach an saoghal a chruthachadh le Allah, ach gu bheil taobhan nach eil math air beatha dhaoine. Bidh daoine a' milleadh an t-saoghail bhrèagha a chruthaich Dia agus bidh aca ri freagairt airson na rinn iad. Tha i a' creidsinn gu bheil Dia a' toirt breith air daoine nuair a bhàsaicheas iad agus gun tèid iad a phàrras no a dh'ifrinn a rèir 's dè rinn iad nam beatha.

Preasantair Telebhisein
Fear an Fhuaim
Bìobhar

'S e caractaran 'buairidh' a tha san triùir seo. Cha chuidich e thu crìoch a chur air an dùbhlan ma bhruidhneas tu riutha, ach togaidh iad ceistean mu bhith a' coimhead às dèidh an t-saoghail, agus dh'fhaodadh tu smaoineachadh orra.

Eisimpleirean de chòmhraidhean a tha a' nochdadh ann an Truailleadh sa Bhaile.
Thoir a-nuas agus clò-bhuail duilleag 'Truailleadh sa Bhaile'

Taic
Tadhail air na caractaran san òrdugh seo:
1. an stiùiriche telebhisein, airson a' cheist aige fhaighinn
2. fear a' chamara, an neach-naidheachd air a' bheinge agus an luibh-eòlaiche a tha na sheasamh san uisge (ann an òrdugh sam bith)
3. an stiùiriche telebhisein a-rithist - feumaidh tu na freagairtean ceart a thoirt dha airson an duais fhaighinn
4. fear a' gheata, na sheasamh aig aig an taigh.

Nuair a gheibh thu an duais, ma chuireas tu crìoch air a' chòmhradh ri Fear a' Gheata, leigidh e tarsainn na h-aibhne thu agus faodaidh tu tilleadh chun a' phrìomh chlàir.