Notaichean Tidseir

Tha an làrach seo ag amas air clann òg a tha ag obair a dh'ionnsaigh a' chiad ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais.

Tha geammanan àireamh na làraich stèidhichte air trì geamannan rannsachaidh:

• cunnt air ais 's air adhart air an loidhne àireimh cuide ris a' Choineanach
• lìon soitheach-fànais leis an àireamh cheart de Smeabalan cuide ri Sionnach
• rèitich na sgogain le taic bho Eun gus an cuir tro na dorsan agus air adhart chun rùm stòrais.

Aon, Dhà, Trì

'S ann tro na geamannan seo a gheibh luchd-cleachdaidh an cothrom:

• sgilean fuasgladh-cheist a bhrosnachadh
• barrachd dànachd a thoirt don chloinn
• obair rannsachaidh a dhèanamh tro obair mhatamataig
• briathrachas matamataig a leasachadh ann an Gàidhlig
• an tuigse air obraichean àireimh a mheudachadh
• spòrs fhaighinn bho obair mhatamataig.

Ceanglaichean Curraicealaim

Tha clàr mu gach gnìomh air a dhealbh gus sealltainn mar a tha an goireas na thaic gus builean Curraicealam airson Sàr-mhathais a choileanadh. Dh'fhaodadh gum bi cothroman eile ann cuideachd a rèir mar a thathar airson an goireas a chleachdadh.

Na Geamannan

Geamannan an t-Sionnaich

Tha an neach-cleachdaidh a' taghadh iad seo: an coineanach, an t-eun no an sionnach. Tha dà thaghadh aca an uairsin:

• slighe a' chupain far a bheil 60 diofar gèam aig gach beathach, thairis air sia diofar ìrean de dhuilgheadas.
• slighe a' bhailiùn far a bheil 30 diofar gèam aig gach beathach.

Aig deireadh geama tha luchd-cleachdaidh a' faighinn bonn òir, airgid no umha. Faodaidh iad cuideachd 'ath-chluich' a thaghadh gus am faic iad na tha iad air dèanamh air a chluich a-rithist.

Bhidiothan

Tha bhidio aig deireadh gach geama anns a bheil òrain a' mìneachadh sgil fuasglaidh sònraichte leithid:

• a' planadh
• a' feuchainn is a' leasachadh
• a' smaoineachadh ann an dòigh eadar-dhealaichte
• a' lorg phàtrain
• a' lorg dòigh-obrach a tha freagarrach
• a' cur duilgheadas ann an suidheachadh cumanta
• a' dèanamh dealbh dhen duilgheadas
• a' bruidhinn mu dhuilgheadasan
• a' faighneach 'dè ma?'
• a' briseadh dhuilgheadasan sìos
• a' lorg dol-às nuair nach eilear a' faighinn air adhart.

Notaichean Tidseir - Geamannan a' Choineanaich

Anns na geamannan loidhne àireimh seo tha e air iarraidh air cluichidearan toirt air a' Choineanach leum mu thimcheall loidhne àireimh gus an socraich e air na glasraich bhlasta is an seachain e na h-uilebheistean. Tha na gnìomhan seo a' sealltainn mar a ghabhas tuigse fhaighinn air cur ris is thoir air falbh mar ghluasad air loidhne àireimh san aon dòigh 's a bhios clann a' cleachdadh loidhnichean-àireimh san sgoil airson ionnsachadh mu cur ris, toirt air falbh, iomadachadh agus roinneadh. Bidh Coineanach a' leughadh a-mach an àireamhachadh cuir ris agus toirt air falbh a tha e air obrachadh a-mach fhad 's a tha e a' leum air ais is air adhart.

Geamannan a' Choineanaich
Cliog air ìomhaigh a' chupa airson na geamannan a chluich. 'S e amas nan geamannan sin toirt air Coineanach na glasraich gu lèir air an loidhne àireimh ithe le cho beag oidhirpean 's a ghabhas. Tha na tòimhseachain sna geamannan ro-mhìnichte agus chan urrainnear cuspairean atharrachadh, a chur ris no a thoirt air falbh.

Tha 60 gèam ann. 'S e gèam 1 as fhurasta is gèam 60 as doirbhe. Tha na geamannan air an rèiteachadh ann an 6 buidhnean de 10 geamannan de dhuilgheadas co-ionann:

• grian (1 gu 10)
• oidhche (11 gu 20)
• sneachd (21 gu 30)
• laighe-grèine (31 gu 40)
• fànas (41 gu 50)
• baile mòr (51 gu 60).

Faodar geamannan a chluich ann an òrdugh sam bith. Tha an deicheamh gèam aig gach ìre glaiste agus feumar cupa òir a bhuannachadh sna naoi geamannan eile mus fhosgail seo.

Amasan a' Gheama
Thoir air a' Choineanach socrachadh air na glasraich le cho beag oidhirpean 's a ghabhas. Thèid duais òir, airgid no umha a bhuileachadh aig crìoch gach geama a rèir àireamh nan oidhirpean a chaidh a dhèanamh. Fhad 's a tha an gèam a' dol air adhart tha an àireamh oidhirpean air a thaisbeanadh air oir dheis an sgriona aig a' bhonn. Tha oidhirp a' gabhail a-steach:

• meud an leum atharrachadh
• a' dèanamh leum.

Stiùireadh a' Gheama

• Tha àireamh nan oidhirpean a dh'fheumas Coineanach airson an gèam a chrìochnachadh air na bogsaichean air oir dheas na sgriona aig a' mhullach.

• Cliog air an t-saighead uaine airson toirt air Coineanach leum air an loidhne àireimh.

• Cliog air a' phutan thoir air falbh (no brùth iuchair chlì na saigheid air a' mheur-chlàr) no brùth air a' phutan cur ris (no brùth iuchair dheas na saigheid) airson atharrachadh a dhèanamh air an taobh a leumas Coineanach.

• Cliog air na siutan àireimh fon loidhne àireimh (no brùth an iuchair co-fhreagrach air a' mheur-chlàr) gus meud leum a' Choineanaich a shuidheachadh.

• Nuair a shocraicheas Coineanach air glasraich, tha e air ithe agus falbhaidh an glasraich bhon loidhne àireimh.

• Nuair a shocraicheas Coineanach air uilebheist, thèid a shadadh bhon loidhne àireimh mus tèid a chur air ais air an loidhne aig 0.

• Nuair a shocraicheas Coineanach air trampoline, nì e leum a bhios co-ionann ris an àireamh a th' air.

• Airson sealladh fhaighinn gu deas is clì air an loidhne àireimh, cuir an cùrsair air oirean deas is clì an sgriona.

Geamannan Rannsachaidh a' Choineanaich
Cliog air comharra a' bhailiùin air ceum a' Choineanaich airson na Gnìomhan Rannsachaidh a thaghadh. 'S e gnìomhan neo-chuibhrichte a th' annta sin far nach eil ro-thargaidean suidhichte agus bu chòir a' chlann a bhrosnachadh gus rannsachadh agus obrachadh nan dòigh fhèin. Tha iad air an dealbh airson a bhith air an cluich le clann nan aonar, cuide ri pàiste eile no le pàrant no tidsear. Faodar tòimhseachain a chruthachadh anns na gnìomhan rannsachaidh. Faodar na glasraich, na h-uilebheistean is na trampolines a tha air an loidhne àireimh mu thràth a ghluasad is atharrachadh agus feadhainn eile a chur rithe.

Tha Rannsachadh 1 (am bailiùn clì) a' toirt fiosrachadh mu:
• cunntadh air adhart is air ais ann am buidhnean de 2, 3, 4, 5 agus 10
• àireamhan corra is cothromach
• dùblachadh
• obair mhiùtach shìmplidh.

Tha Rannsachadh 2 (am bailiùn deas) a' toirt fiosrachadh mu:
• cunntadh air adhart is air ais ann am buidhnean de 6, 7, 8 agus 9
• iomadan de 2, 5 agus 10
• obair mhiùtach.

Stiùireadh Rannsachaidh
• Airson cuspairean a th' air an loidhne àireimh mu thràth a ghluasad, cliog orra agus slaod iad gun suidheachadh ùr. Airson sùil a thoirt tro na roghainnean, faodar nam feartan atharrachadh le bhith a' cliogadh air na saigheadan dearga a nochdas.

• Airson cuspairean a thoirt às, faodar cliogadh orra is an slaodadh gun àite fon loidhne àireimh.

• Airson glasraich is uilebheistean a chur ris cliog air ìomhaighean a' churrain is nan uilebheistean san oir dheis aig a' bhonn agus slaod an cuspair gun loidhne àireimh. Faodaidh tu an glasraich no an uilebheist a tha thu ag iarraidh a thaghadh le bhith a' cliogadh air na saigheadan dearga airson lèir-amhairc tro na roghainnean.

• Airson trampolines a chur ris an loidhne àireimh, cliog air ìomhaigh an trampoline san oir dheis aig a' bhonn agus slaod e gun loidhne àireimh. Tagh dè cho fada agus dè an taobh a leumas Coineanach nuair a shocraicheas e air an trampoline le bhith a' cliogadh air na saigheadan dearga airson sùil a thoirt tro na roghainnean. Ma thaghas tu trampoline na roinneig, bidh leum a' Choineanaich co-ionann ris an leum a rinn e airson socrachadh air an trampoline sin.

• Nuair a nochdas bailiùn dearg, thoir air a' Choineanach socrachadh air airson gnìomh rannsachaidh ùr a thòiseachadh.

Notaichean Tidseir - Geamannan an Eòin

Tha na geamannan seo coltach ri obair clasa far am bi a' chlann a' rèiteachadh chiùban co-naisgte ann an diofar àireamh shreathan is chuilbh. 'S e Sgogain a chanar ri na samhlaidhean coimpiutair de na ciùban sin. Feumar an stiùireadh tro sreath thòimhseachain airson an rùm stòrais a ruighinn. Feumar na Sgogain a chur ann an òrdugh gus am bi na buidhnean a tha iad a' cruthachadh den mheudachd is den chumadh cheart airson a dhol air adhart gun ath phàirt den obair.

Geamannan an Eòin
Cliog air comharra a' chupa airson na geamannan a chluich. Cuidich Eun le bhith a' gluasad na Sgogain gun ionmhas leis an àireamh oidhirpean as lugha. Dèan ceart-cheàrnach no ceàrnag Sgogain den mheudachd cheart gus am faigh e air gluasad bho aon rùm gun ath fhear. Cleachd na cuspairean a th' anns an rùm gus do chuideachadh.

Tha 60 gèam ann. 'S e gèam 1 as fhurasta agus gèam 60 as doirbhe. Tha na geamannan air an rèiteachadh ann an sia buidhnean de dheich gheamannan de dhuilgheadas co-ionann:

• Làbha (1 to 10)
• Criostal (11 to 20)
• Fàsach (21 to 30)
• Dlùth-choille (31 to 40)
• Snàigear (41 to 50)
• Fiacail (51 to 60).

Faodar geamannan a chluich ann an òrdugh sam bith. Tha an deicheamh gèam aig gach ìre glaiste agus feumaidh tu cupa òir a bhuannachadh sna naoi geamannan eile airson fhosgladh.

Amasan nan Geamannan
'S e an t-amas agad an Sgogan a stiùireadh chun rùm stòrais le cho beag oidhirpean 's a ghabhas. Thèid duais òir, airgid no umha a thoirt seachad aig crìoch gach geama a rèir an àireamh oidhirpean a bh' ann. Fhad 's a tha an gèam a' dol air adhart tha an àireamh oidhirpean gan taisbeanadh aig oir chlì an sgriona aig a' mhullach. Tha oidhirp air a chunntais le bhith a' dèanamh na leanas:

• a' cur car den Sgogan
• ag ath-shuidheachadh an Sgogain
• a' cleachdadh nan innealan cur ris, toirt air falbh, iomadachaidh, roinnidh, dùblachaidh no letheachaidh
• a' gluasad bho aon rùm gu fear eile.

Stiùireadh nan Geamannan
• Cliog air an Eun airson cuideachadh claistinneach.
• Cliog air ceart-cheàrnach Sgogain airson an àireamh a tha na bhroinn a thaisbeanadh.
• Cleachd na putanan air a' chlàr clì airson ceart-cheàrnach Sgogain a ghluasad, a chur mu chuairt is ath-rèiteachadh. Tha map an tòimhseachain a' nochdadh air an làimh dheis.

Am Putan Cuairteachaidh
Am Putan Cuairteachaidh Cliog air an seo (no brùth air a' bhar-bheàrn air a' mheur-chlàr) airson car cairtealach a chur dhan Sgogain.

Am Putan Ath-rèiteachaidh
Am Putan Ath-rèiteachaidh Cliog air an seo gus an Sgogan ath-rèiteachadh gu ceart-cheàrnach de dhiofar fhaid is leòid.

Putan Ath-thòiseachaidh an Rùim
Putan Ath-thòiseachaidh an Rùim Tha seo a' toirt cothrom an gèam a thòiseachadh a-rithist.

Putanan Gluasaid
Putanan Gluasaid Cliog air na putanan gluasaid (no cleachd na h-iuchraichean saigheid air a' mheur-chlàr) airson an Sgogan a ghluasad a dh'ionnsaigh cuspairean san rùm agus gu rumannan eile.

Map
Tha am map sa chlàr dheis a' sealltainn nan rumannan sa ghèam ghnàthaichte. Cliog air rùm airson faicinn a-steach ann.

Cuspairean a' Gheama
Tha na cuspairean a leanas sna geamannan:

Doras
Putan an Doras Tha dorsan a' toirt cothrom dha Sgogain a dhol troimhe gun ath rùm. Chan urrainn dha ceart-cheàrnach an Sgogain a dhol tro dhoras mur eil e an aon leud ris an doras sin m.e. le doras a tha ceithir blocaichean a leud 's e a-mhàin ceart-cheàrnach Sgogain de cheithir bhlocaichean a leud a gheibh troimhe.

Ioma-shruth
Putan Ioma-shruth Bheir ioma-shruthan cothrom dha àireamh shònraichte de Sgogain a dhol troimhe gun ath rùm. Feumaidh an dearbh àireamh a th' air a thaisbeanadh air an ioma-shruth a bhith air ceart-cheàrnach Sgogain mus fhaigh e troimhe m.e. cha cheadaich ioma-shruth le àireamh dhà-dheug ach ceart-cheàrnach le dhà-dheug Sgogan a dhol troimhe.

Tunail
Putan an Tunail Tha tunailean a' toirt cothrom dha Sgogain a dhol troimhe gun ath rùm. Feumaidh ceart-cheàrnach Sgogain a bhith den aon mheud is chumadh ris an tunail mus fhaigh e air a dhol troimhe.

Inneal Cuir Ris
Putan an t-Inneal Cuir-ris Tha seo a' cur tuilleadh Sgogain ris. Feumaidh ceart-cheàrnach Sgogain a bhith den aon leud ris an inneal mus obraich e, m.e. chan obraich an t-inneal a bhios a' cur dà Sgogan ris ach a-mhàin le ceart-cheàrnach Sgogain a tha de leud dà bhloca.

Inneal Toirt air Falbh
Putan an t-Inneal Toirt air falbh Tha seo a' toirt air falbh Sgogain. Feumaidh ceart-cheàrnach Sgogain a bhith den aon leud ris an inneal mus obraich e, m.e. chan obraich an t-inneal a bhios a' toirt dà Sgogain air falbh ach a-mhàin le ceart-cheàrnach Sgogain a tha de leud dà bhloca.

Inneal Letheachaidh
Putan an t-Inneal Letheachaidh Tha seo a' dèanamh leth air àireamh nan Sgogan. Faodaidh a' cheart-cheàrnach a bhith de chumadh is mheud sam bith.

Inneal Dùblachaidh
Putan an t-Inneal Dùblachaidh Tha seo a' dùblachadh àireamh nan Sgogan. Faodaidh a' cheart-cheàrnach a bhith de chumadh is mheud sam bith.

Inneal Iomadachaidh
Putan an t-Inneal Iomadachaidh Tha seo ag iomadachadh àireamh nan Sgogan a rèir àireamh nan ceàrnag na leud, m.e. nì inneal iomadachaidh a tha dà bhloca de leud iomadachadh air àireamh nan Sgogan le dhà. Chan obraich an t-inneal seo ach a-mhàin ma tha ceart-cheàrnach Sgogain an aon leud ri gàirdeanan an inneil.

Inneal Roinnidh
Putan an t-Inneal Roinnidh Tha seo a' dèanamh roinneadh air àireamh nan Sgogan a rèir àireamh nan ceàrnag a tha na leud, m.e. roinnidh inneal roinneachaidh a tha de leud dà bhloca àireamh nan Sgogan le dhà. Chan obraich an t-inneal ach a-mhàin ma bhios ceart-cheàrnach Sgogain an aon leud ri gàirdeanan an inneil.

Geamannan Rannsachaidh an Eòin
Cliog air comharra a' Bhailiùin air ceum an Eòin airson na gnìomhan rannsachaidh a thaghadh. 'S e geamannan neo-chuibhrichte a th' annta far nach eil targaidean sam bith suidhichte agus thathas a' brosnachadh na cloinne gu bhith a' rannsachadh nan dòigh fhèin. Tha iad air an dealbh gus an cluich clann leotha nan aonar, le pàiste eile no le pàrant no tidsear.

Ann an Rannsachadh 1 (am bailiùn air an làimh chlì) tha fiosrachadh mu:
• cunntadh air adhart ann am buidhnean de 2, 3, 4, 5 agus 10
• obair mhùiteach shìmplidh.

Ann an Rannsachadh 2 (am bailiùn air an làmh dheis) tha fiosrachadh mu:
• cunntadh air adhart ann am buidhnean de 6, 7, 8 agus 9
• iomadan de 2, 5 agus 10
• obair mhùiteach.

Stiùireadh Rannsachaidh
• Faodar na tòimhseachain atharrachadh le bhith ag atharrachadh feartan nan cuspairean a th' anns na rumannan. Ma tha thu airson cuspair atharrachadh cliog air agus an uairsin cleachd na putanan cur ris is thoir air falbh a nochdas gus a dhèanamh nas motha no nas lugha.

• Faodar cuideachd cuspairean ùra a thoirt a-steach. Tha ìomhaighean ann airson dorsan, innealan cur ris is toirt air falbh air clàr dheis an sgriona. Airson aon de na cuspairean sin a shuidheachadh ann an rùm, cliog air ìomhaigh agus slaod dhan rùm e. Cleachd na putanan cur ris is thoir air falbh airson an cuspair a dhèanamh freagarrach. Thoir cuspairean air falbh bho rumannan le bhith a' cliogadh orra agus gan slaodadh a-mach. Faodaidh tu rùm ùr a chruthachadh le bhith a' cur doras air balla agus a' gluasad an Sgogan troimhe.

• Nuair a nochdas bailiùn dearg, gluais na Sgogain thuige agus tòisich obair rannsachaidh ùr.

Notaichean Tidseir - Geamannan an t-Sionnaich

Tha na gnìomhan seo a' sealltainn mar a thèid tuigse fhaighinn air àireamhan mar cuspairean cunntaidh a ghabhas an cur còmhla. Tha na creutairean rin canar Smeabalan co-ionann ri na cunntairean, grìogagan is blocaichean a bhios clann tric a' cleachdadh gus ionnsachadh mu cur ris, toirt air falbh, iomadachadh is roinneadh sa chlas. 'S e an amas Sionnach a chuideachadh a' lìonadh nan soithichean-fànais leis an àireamh cheart de Smeabalan le cho beag oidhirpean 's a ghabhas.

Geamannan an t-Sionnaich
Cliog air comharra a' chupa airson na geamannan a chluich. Cuidich Sionnach a' lìonadh nan soithichean-fànais leis an àireamh cheart de Smeabalan le na h-àireamhan as lugha de dh'oidhirpean. Tha an àireamh a tha riatanach air a taisbeanadh air na soithichean. Ann an cuid de gheamannan feumaidh tu an soitheach-fànais a lìonadh a rèir na riaghailt a th' air cliathaich na soithich, e.g. àireamhan cothromach a-mhàin no iomadan de 10 a-mhàin.

Tha 60 gèam ann. 'S e gèam 1 as fhurasta is gèam 60 as doirbhe. Tha na geamannan air an rèiteachadh ann an 6 buidhnean de 10 geamannan den aon ìre duilgheadais:

• sgòth (1 gu 10)
• tràigh (11 gu 20)
• creagan (21 gu 30)
• caisteal (31 gu 40)
• pioramaid (41 gu 50)
• coille (51 gu 60).

Faodar geamannan a chluich ann an òrdugh sam bith. Tha an deicheamh gèam anns gach ìre glaiste agus feumaidh tu cupa òir a bhuannachadh sna naoi geamannan eile airson fhosgladh.

Amasan nan Geamannan
'S e an t-amas a th' agad an soitheach-fànais a lìonadh le cho beag oidhirpean 's a ghabhas. Thèid duais òir, airgid no umha a bhuileachadh aig crìoch gach geama a rèir na chaidh a dhèanamh de dh'oidhirpean. Fhad 's a tha an gèam a' dol air adhart bidh an àireamh oidhirpean ga thaisbeanadh air oir dheis an sgriona aig a' mhullach. Tha oidhirp a' gabhail a-steach:

• a' cur Smeabalan ris an t-sloc
• a' toirt Smeabalan air falbh bhon t-sloc
• a' falmhachadh an t-sloc le putan glanaidh
• a' sgèith an t-soithich-fànais thairis air an t-sloc.

Stiùireadh a' Gheama

• Airson na Smeabalan a shuidheachadh anns an t-sloc, cliog air na botail ri oir an t-sloc. Bidh àireamh nam botal eadar-dhealaichte bho ghèam gu gèam.

• Cliog air a' phutan cuir ris airson toirt air na botail Smeabalan a chur ris an t-sloc.

• Cliog air a' phutan thoir air falbh airson toirt air na botail Smeabalan a thoirt air falbh bhon t-sloc.

• Nuair a bhios an àireamh cheart de Smeabalan sa bhotal, cliog air an t-soitheach-fànais airson toirt oirre sgèith os cionn an t-sloc agus Smeabalan a thoirt suas.

• Cliog air a' phutan glanaidh (ri taobh putanan cuir ris is thoir air falbh) airson na Smeabalan uile a thoirt às an t-sloc.

• Nuair a tha botal falamh aig taobh deis an t-sreatha, faodaidh tu taghadh an àireamh Smeabalan a chuireas am botal ris an t-sloc. Cliog air a' bhotal fhalamh gus toirt air na Smeabalan a chur dhan t-sloc is an stòradh ann. Cliog air a-rithist gus toirt air an t-sloc a lìonadh leis an àireamh Smeabalan a ghabh e a-steach. Cliog air a' phutan glanaidh ri thaobh airson na Smeabalan a thoirt às.

• Nuair a tha cuid de dh'uinneagan an t-soithich falamh, feumaidh tu sreath nan àireamhan sna h-uinneagan a chomharrachadh agus na h-uinneagan falamh a lìonadh le àireamhan a tha a' coileanadh an t-sreatha.

• Bidh botail bhoillsgeach a' dol à sealladh nuair a thèid an cleachdadh aon uair is mar sin nuair a chluicheas tu geamannan anns a bheil iad sin, feumaidh tu smaoineachadh eadhon nas faiceallaiche mu mar a tha thu dol a dhèanamh an-àirde na h-àireamhan a dh'fheumas tu.

• Cliog air an t-sloc gus taisbeanadh àireamh nan Smeabal sna botail agus san t-sloc.

• Cliog air a' phutan ath-thòiseachaidh san oir dheis aig a' mhullach airson an gèam a chluich a-rithist bhon toiseach.

• Innsidh Sionnach dhut dè an t-suim a rinn thu agus nochdaidh an t-suim aig oir chlì an sgriona aig a' bhonn.

• Chan fhaodar buinn sam bith a bhuainnichear is a chaidh a thaisbeanadh a chumail ach a-mhàin fhad 's a tha an seisean sònraichte sin a' dol air adhart.

• Cha ghabh broinn an t-sloc ach 100 Smeabalan.

• Cliog air Sionnach airson cuideachadh.

Geamannan Rannsachadh an t-Sionnaich
Cliog air comharra a' bhailiùin gus trì gnìomhan rannsachaidh neo-chuibhrichte a chluich. Tha soithichean is botail air an suidheachadh an toiseach gus brosnachadh a thoirt do rannsachadh air bun-bheachd shònraichte ach chan eil targaidean ro-shuidhichte sam bith ann. Tha iad air an dealbh airson gun cluich clann iad nan aonar, le pàiste eile no le pàrant no tidsear.

Tha trì gnìomhan rannsachaidh ann:

Rannsachadh 1 (Soitheach-fànais orains)
Lìon na tuill san t-soitheach leis an àireamh Smeabalan a tha a rèir an àireimh a tha sgrìobhte air a cliathaich. Aon uair 's gu bheil thu air an t-soitheach a lìonadh nochdaidh soitheach ùr fhalamh. Tha a' ghnìomh seo a' toirt seachad fiosrachadh mu:

• cunntadh air adhart is air ais ann am buidhnean de 2, 3, 4, 5 agus 10
• dùblachadh.

Rannsachadh 2 (Soitheach-fànais uaine)
Lìon an t-soitheach-fànais fhalamh le na thogras tu de Smeabalan. Aon uair 's gu bheil thu air an t-soitheach a lìonadh nochdaidh soitheach ùr fhalamh. Tha a' ghnìomh seo a' toirt seachad fiosrachadh mu:

• cunntadh air adhart is air ais ann am buidhnean de 2, 5, 6, 7, 8, 9 agus 10.

Rannsachadh 3 (Soitheach-fànais dhearg)

Lìon an t-soitheach riaghailt leis an àireamh de Smeabalan a tha a' gabhail ris an riaghailt a tha sgrìobhte air a cliathaich. Aon uair 's gu bheil thu air an t-soitheach a lìonadh nochdaidh soitheach ùr fhalamh.

Tha an riaghailt a' gabhail a-steach:
• àireamhan corra
• àireamhan cothromach
• iomadan de 2
• iomadan de 5
• iomadan de 10
• àireamhan a' crìochnachadh le 0.

Tha a' ghnìomh seo a' toirt seachad fiosrachadh mu:
• iomadan de 2, 5 agus 10
• àireamhan corra is cothromach
• àireamhan a' crìochnachadh le 0.

Notaichean Tidseir - Ceanglaichean Curraicealaim

Ceanglaichean Curraicealaim

'S e gnìomhan fosgailte a th' anns na rannsachaidhean, far am faodar diofar bhun-bheachdan matamataigeach fheuchainn. Tha smachd aig an neach-cluiche air an t-suidheachadh. Faodar an suidheachadh atharrachadh, a' toirt cothrom pàtrain a chruthachadh agus a lorg agus duaisean a chosnadh.

Loidhne àireimh

Ann an geamannan Choinein, tha an cluicheadair airson Coinean a chuideachadh ann a bhith a' cruinneachadh a' ghlasraich gu lèir anns cho beag de dh' oidhirpean 's a ghabhas. Tha leum no a' cur deis-leum eile air a' choineanach a' cunntadh mar aon chothrom.

Tric, tha barrachd air aon dòigh ann airson na lusan a chruinneachadh anns cho beag de dh' oidhirpean 's a ghabhas.

Gnìomh An Tràth Ìre A' Chiad Ìre
Ann an rannsachadh a' Choinein, tha neach-cleachdaidh a' cur glasraich, uilebheistean agus trampoileanan air an loidhne àireimh. Tha iad a' taghadh diofar dheisean-leum airson Coinean agus tha iad a' toirt air leum thar na loidhne àireimh, a' feuchainn ri:
  • laigh air glasraich agus an ith
  • na h-uilebheistean a sheachnadh
  • leum air na trampoileanan no air sreath de thrampoileanan.

Tha na diofar loidhnichean àireimh a' misneachadh daoine òga gus diofar sreathan de leuman fheuchainn a-mach.

I have explored numbers, understanding that they represent quantities and I can use them to count, create sequences and describe order. MNU 0-02a

I use practical materials and can 'count on and back' to help me to understand addition and subtraction, recording my ideas and solutions in different ways. MNU 0-03a

I have spotted and explored patterns in my own and the wider environment and can copy and continue these and create my own patterns. MTH 0-13a

I can use addition, subtraction, multiplication and division when solving problems, making best use of the mental strategies and written skills I have developed. MNU 1-03a

I can continue and devise more involved repeated patterns or designs, using a variety of media. MTH 1-13a

Through exploring number patterns, I can recognise and continue simple number sequences and can explain the rule I have applied. MTH 1-13a

Sgilean Matamataig ann an loidhne àireimh

Airson gach suidheachadh, tha buaidh aig aon dhe na h-obrachaidhean a leanas air Coinean:

Smeabalan

Ann an rannsachadh an t-Sionnaich, thathar a' dèanamh àireamhan gus soitheach-fànais a lìonadh le smeabalan le bhith a' cliogadh air siutan. Nuair tha an soitheach-fànais air a lìonadh, tha i a' sgèith air falbh agus tha àite agus soitheach eile a' nochdadh.

Tha an neach-cleachdaidh a' feuchainn ris an t-soitheach-fànais a lìonadh anns cho beag de dh'oidhirpean 's a ghabhas. Tha cliog air aon dhe na siutan a' cunntadh mar aon oidhirp. Aig deireadh geama tha an neach-cleachdaidh a' faighinn bonn òir, airgid no umha.

Faodar geamannan a chleachdadh leis a' chlas air fad, le paidhrichean de sgoilearan, no le clann leotha fhèin. Tha diofar dhòighean sam faodar an cleachdadh, mar eisimpleir:

Gnìomh An Trath Ìre A' Chiad Ìre

- Soithich-fànais - feumar àireamh de smeabalan a chur a-steach a bheir suim sònraichte dhaibh.

- Soithichean Àireamh - feumaidh na sgoilearan an t-suim fhaighinn a tha ann an uinneagan a' bhàta.

- Soithichean Òrduigh - feumaidh sgoilearan àireamhan a chur annta seo a tha a' freagairt riaghailt a' bhàta.

Tha àireamhan air an dèanamh an-àirde à diofar phàirtean, m.e. tha 23 air a dèanamh le 20 agus 3. Le bhith a' cliogadh air na smeabalan san t-sloc, chithear diofar dhòighean sam faodar an àireamh a dhèanamh.

I have explored numbers, understanding that they represent quantities and I can use them to count, create sequences and describe order. MNU 0-02a

I use practical materials and can 'count on and back' to help me to understand addition and subtraction, recording my ideas and solutions in different ways. MNU 0-03a

I have spotted and explored patterns in my own and the wider environment and can copy and continue these and create my own patterns. MTH 0-13a

I have investigated how whole numbers are constructed, can understand the importance of zero within the system and can use my knowledge to explain the link between a digit, its place and its value. MNU 1-02a

I can use addition, subtraction, multiplication and division when solving problems, making best use of the mental strategies and written skills I have developed. MNU 1-03a

I can continue and devise more involved repeated patterns or designs, using a variety of media. MTH 1-13a

Through exploring number patterns, I can recognise and continue simple number sequences and can explain the rule I have applied. MTH 1-13a

Sgilean Matamataig ann am Smeabalan

Airson gach suidheachadh, tha buaidh aig aon dhe na h-obrachaidhean a leanas air Sionnach:

Bhidiothan

Tha bhidio aig deireadh gach geama anns a bheil òrain a' mìneacahdh sgil fuasglaidh sònraichte leithid:

Taic Teacsa agus Fuaim

Faodaidh luchd-cleachdaidh cliogadh air a' phutan Roghainnean airson:

• teacsa an sgrion ath-mheudachadh agus atharrachadh a dhèanamh air an teacsa is air na dathan cùil
• teacsa an sgrion a chluinntinn air a leughadh a-mach
• fo-thiotalan a thaghadh airson a' chuid mhòr de shusbaint bhidio is claistinneach.

Chan fhaighear gu na roghainnean fhad 's a tha thu san earrainn fiosrachadh dha pàrantan is tidsearan.

Fuaim

Cuir am fuaim air airson gun cluinn thu cuideachadh is fiosrachadh bhon Choineanach, bhon t-Sionnach is bhon Eun.

Ceòl
Faodaidh tu ceòl a' gheama a chur air is dheth le bhith a' bruthadh an iuchair m.

Gheibhear cuideachd gun chuid mhòr den t-susbaint tron mheur-chlàr.