Bidh a' Chomhairle a' deasbad nam molaidhean Diluain
|
Tha eas-aonta eadar Comhairle nan Eilean Siar agus Rùnaire an Fhoghlaim mu dhùnadh sgoiltean eileanach.
Bha Fiona Hyslop BPA a' tadhal air Leòdhas an-dè, gus maoineachadh fhoillseachadh airson trì dreuchdan teagaisg ùra.
Ach thàinig e am follais gun robh a' Chomhairle airson 11 sgoil a dhùnadh air adhbharan foghlamach.
Chan eil Ms Hyslop ag aontachadh nach eil na sgoiltean a th' ann freagarrach, mar a tha a' Chomhairle ag ràdh.
Àrd-sgoiltean dà bhliadhna
A rèir na Comhairle, chan urrainn dhaibh an curriculum ùr a thoirt seachad anns na sgoiltean mar a tha iad.
Tha iad airson na seachd àrd-sgoiltean dà bhliadhna a th' anns na h-eileanan a dhùnadh, gus am faigh ard-sgoilearan an cuid foghlaim anns an aon ionad.
Tha iad cuideachd airson ceithir bun-sgoiltean a dhùnadh.
Thuirt Ms Hyslop gur e iongnadh a bh' anns an naidheachd dhi, 's nach robh i idir a' gabhail ri argamaid na Comhairle, 's nach bu chòir an curriculum ùr a chleachdadh mar leisgeul airson sgoiltean a dhùnadh.
 |
'S e a tha sinn ag iarraidh, ach gum bi na cothroman as motha aig a h-uile leanabh, agus chan eil sinn ag aontachadh gun gabhadh sin dèanamh anns na sgoiltean beaga
|
Fo na planaichean, dheadh Àrd-sgoil Phabail anns an Rubha, Leòdhas, agus Àrd-sgoil Dhalabroig ann an Uibhist a Deas a dhùnadh an ath-bhliadhna, le Àrd-sgoil nan Loch agus Àrd-sgoil Phaibil ann an Uibhist a Tuath a' dùnadh ann an 2009.
An uair sin, dheadh Àrd-sgoil Shiaboist, Àrd-sgoil Lìonail agus Àrd-sgoil a' Bhac a dhùnadh, suas gu 2013.
Cuideachd, dheadh Bunsgoil Bhaile na Creige ann am Barraigh, Sgoil Staoinebrig ann an Uibhist a Deas, Sgoil Chliasmoil anns na Hearadh, agus Sgoil Bhràgair ann an Leòdhas a dhùnadh an ath-bhliadhna.
Thèid na molaidhean mu choinneamh na làn chomhairle Diluain, agus 's e deasbad inntinneach a bhios ann.
Cothroman as motha
Tha Cathraiche Comataidh an Fhoghlaim aig a' Chomhairle, Mòrag Rothach, a' cumail a-mach nach eil roghainn aig a' Chomhairle ma tha iad airson sàr-fhoghlam a thoirt seachad.
 |
Carson a tha sinn a' toirt chloinn a-mach à sgoil a tha a' dèanamh math, airson an cuir a-steach ann an sgoil nach eil a' dèanamh cho math?
|
"Cha b' urrainn dhuinn an aon fhoghlam a thoirt seachad don chloinn a tha sin agus a bheireamaid dhaibh nam biodh iad ann an àrd-sgoil nas motha."
"Cha b' urrainn dhuinn foghlam a thoirt dhaibh ann an gnìomhachas, 's cha b' urrainn dhuinn roghainnean farsaing a thoirt dhaibh ann an cùrsaichean mar eisimpleir."
"'S e a tha sinn ag iarraidh, ach gum bi na cothroman as motha aig a h-uile leanabh, agus chan eil sinn ag aontachadh gun gabhadh sin dèanamh anns na sgoiltean beaga," thuirt i air Aithris na Maidne.
Leudachadh
Chan eil a h-uile comhairliche den aon bheachd ge-tà.
Tha fear de chomhairlichean Taobh Siar Leòdhais agus Nis, Iain Moireasdan, air fear dhuibh sin.
"Tha Lìonail agus Siabost fada air adhart air gin de na sgoiltean eile anns na h-Eileanan Siar a rèir nam figearan nàiseanta. Carson a tha sinn a' toirt chloinn a-mach à sgoil a tha a' dèanamh math, airson an cuir a-steach ann an sgoil nach eil a' dèanamh cho math?"
Tha an comhairliche Niseach, Iain MacAoidh, airson rud gu tur eadar-dhealaichte a dhèanamh ann an àrd-sgoil a sgìre-sa.
"Chan eil sinn ag iarraidh gun tèid an sgoil a tha seo a dhùnadh, 's ann a bha sinne airson 's gun dèadh a cuir an-àirde don treas bliadhna."
"'S e sin a bha am bòrd-sgoile agus na pàrantan ag iarraidh."
Ach thuirt Riaghaltas na h-Alba an-diugh nach dèanadh sin ciall, oir nach eil adhbhar foghlaim sam bith airson na h-àrd-sgoiltean beaga a chuir gu trì bliadhna.
Thuirt tè-labhairt gur e seasamh Rùnaire an Fhoghlaim gun gabhadh an Curriculum Sàr-mhaitheis ùr toirt seachad ann an sgoil dà bhliadhna.
Ged a tha an curriculum ùr a' gabhail a' chiad thrì bliadhna den àrd-sgoil còmhla, tha an Riaghaltas ag ràdh nach biodh sin na thriobliad le co-obrachadh ceart eadar na sgoiltean beaga dà bhliadhna agus na h-àrd-sgoiltean don deadh a' chlann air an treas bliadhna ann an Steòrnabhagh agus an Lionacleit.
Bha e an urra ris a' Chomhairle obachadh a-mach ciamar a b' fheàrr sin a dhèanamh, thuirt an tè-labhairt.
Bookmark with:
What are these?